Taisbeanadh eadar-gnìomhach Hiort fosgailte

Am Baile Chaidh an taisbeanadh a chruthachadh le sgioba às Oilthigh Chille Rìmhinn.

Dh'fhosgail taisbeanadh ùr mu Hiort aig Taigh Chearsabhagh ann Loch nam Madadh an Uibhist a Tuath.

Gheibh daoine cothrom cuairt a thoirt air Hiort mar a bha an t-eilean deireadh na 19mh Linn, 's e air ath-chruthachadh ann an riochd didseatach 3D.

Tha an taisbeanadh ag innse sgeul an eilein bho chaidh an t-eilean a chruthachadh, gu mar a chaidh fhàgail ann an 1930, agus air adhart gu an-diugh.

Bheirear sùil air lusan agus ainmhidhean sònraichte Hiort, a thuilleadh air beatha sa mhuir, cultar nan daoine, agus stèidheachadh ionad an airm.

Chaidh an taisbeanadh 3D a chruthachadh le sgioba às Oilthigh Chille Rìmhinn.

Am measg na chluinnear air an taisbeanadh sin, tha criomagan còmhraidh a chaidh a chlàradh le Hiortach, a thuilleadh air clàraidhean de dh'òrain agus sgeulachdan a rinn sgoilearan Sgoil Chàirinis agus Sgoil Loch nam Madadh.

"Dhaibhsan nach fhaigh air tadhail air Hiort fhèin, bheir an taisbeanadh seo mìneachadh air mar a bha beatha mhuinntir an eilein, mar a tha i an-diugh, agus eachdraidh nàdarra nan eileanan, gun a bhith a' cur cas san eilean fhèin" thuirt Manaidsear Hiort do dh'Urras Nàiseanta na h-Alba, Susan Nic Ille Bhàin.

'S e Hiort an aon Làrach Dhualchais na Cruinne ann am Breatainn a th' air a chomharrachadh an dà chuid airson nàdair agus cultair.

Tha i na laighe 41 mìle an iar air Beinn nam Fadhla.

Bidh an taisbeanadh 3D fosgailte gu deireadh an Iuchair, leis an còrr den taisbeanadh a' leantainn gu ruige deireadh na bliadhna.

Sgeulachdan aithriseach

  • CofaidhCofaidh is Craic an Glaschu

    Fosglaidh cafaidh ùr ann an Glaschu an ath-mhìos do choimhearsnachd Gàidhlig a' bhaile.


  • DìleasRobo Chù Listen

    Luchd-saidheans ag ràdh gun gabhadh ròbotan a chleachdadh an àite chon-chaorach airson caoraich a bhuachailleachd.


BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.