Ath-fhastadh aig Bàgh an Eige

  • 5 An Cèitean 2014

Tha a' chompanaidh leis a bheil Gàradh Ola Bhàgh an Eige ag ràdh gu bheil dùil aca ris an 19 duine air fad a chaill an cosnadh aig toiseach na bliadhna fhastadh às ùr ro dheireadh na mìos.

Bha an luchd-obrach dìreach air cùrsa fad ceithir miosan a dhèanamh, nuair a chaill iad an dreuchdan.

Thuirt Global Energy Services aig an àm nach robh obair ann dhaibh.

A-nise, tha iad air dearbhadh gu bheil 13 duine den luchd-obrach air ais còmhla riutha, is gu bheil dùil aca an còrr fhastadh às ùr ro dheireadh na mìos.

Thuirt Cathraiche Global Energy, Roy MacGriogair, gu bheil an gnìonmhachas aig amannan mì-chinnteach is gum feum a' chompanaidh dìon a chur orra fhèin ann an suidheachadh mar seo.