An referendum bho shealladh an òigridh

  • 5 An Cèitean 2014
An òigridh
Image caption Tha an referendum seo air barrachd ùidh adhbharachadh am measg cuid de dh'oigridh agus iad ag innse dhomh gu bheil a' cheist ga dheasbad am measg an cuid chàirdean agus anns an sgoil.

Tha sinn air an t-uabhas a chluinntinn bho luchd-poileataigs agus na buidhnean a tha an sàs san deasbad air neo-eismealachd do dh'Alba, ach a bheil sinn air gu leòr a' chluinntinn bhon òigridh?

'S ann acasan a bhios feum fuireach le co-dhùnadh na bhòt airson na h-ùine as fhaide.

Chan eil ceist ann gu bheil ùidh aig òigridh na h-Alba anns na ceistean bunaiteach co-cheangailte ris an referendum, ach dè mu dheidhinn chuspairean leithid cultair, ciùil, gnìomhachais is fèin-aithne?

Sin a' cheist a chuir sinn romhainn mar sgrioba air thoiseach air an ceathramh prògram san t-sreath, Rathad an Referendum: An Òigridh.

Amas

Bhruidhinn sin ri daoine òga a-mhàin - eadar 16 agus 26 bliadhna de dh'aois.

Dh'fheuch sinn òigridh le eòlas air iomadh cuspair a chleachdadh, agus sinn ag iarraidh beachdan ionnsaichte fhaighinn air na diofar chuspairean.

Shiubhail sinn gu iomadh ceàrn - Leòdhas, Dùn Dèagh agus Lunnainn nam measg - a' toirt orrasan mìneachadh na dh'fhaodadh a bhith air fàire dha Alba, agus cuideachd na bha iadsan ag iarraidh airson Alba san àm ri teachd.

Cuspairean

Bha e gu math inntinneach na diofar bheachdan air cultar a chluinntinn - agus na bha cuid a' faicinn airson cultar na h-Alba.

Image caption Tha Abbie NicNèill air sàr-àrd-ìre a ruigsinn ann an dannsa Gàidhealach aig aois 16.

Bhruidhinn sinn ri ceòladair òg traidiseanta, Robbie Greig, ann an Dùn Èideann, is cuideachd an t-seinneadair Nina Nesbitt ann an Lunnainn.

A bharrachd air ceòl, bha beachdan gu math inntinneach aig Abbie NicNèill, a tha aig sàr-àrd-ìre a ruigsinn ann an dannsa Gàidhealach aig aois 16.

Tha i a' smaointinn nach eil an spòrs a' faighinn an urraim a bu chòir taobh a-staigh Alba.

Am measg dhaoine eile ris an do choinnich sinn, bha teaghlach òg, buidheann de dh'oileanaich is fear-ghnothachais òg.

Aois

Tha fhios agam fhèin nach robh cus ùidh agam ann am poileataigs nuair a bha mi 16 bliadhna, ach sin an aois far am faigh oigridh cothrom bhòtaidh san referendum seo.

Image caption Thòisich Seumas Robasdan Companaidh Choinnlean an Eilein Sgitheanaich.

A rèir nam figearan as ùire, tha mu 80% de dh'òganaich a tha 16 is 17 agus aig a bheil cead bhòtadh, a-nis clàraichte.

Bhruidhinn sinn ri dithis a tha 16 bliadhna de dh'aois, Abbie NicNèill agus Isabelle Bain.

Tha an referendum seo air barrachd ùidh adhbharachadh am measg cuid de dh'oigridh agus iad ag innse dhomh gu bheil a' cheist ga dheasbad am measg an cuid chàirdean agus anns an sgoil.

Ùidh

Chunnaic sinn gu bheil ùidh aig mòran de dh'oigridh ann a bhith a' cur am bhòt, ach tha cuid eile nach eil air smaointinn mu dheidhinn idir - gu ruige seo co-dhiù.

Bha a' mhòr-chuid ris an do choinnich sinn anns a' phrògram air smaointinn mun cheist agus mar a tha iad an dùil bhòtadh, ach chan eil ceist agam gu bheil mòran nach eil air co-dhùnadh taobh seach taobh, 's tha cothrom ann dhan dà thaobh san deasbad na bhòtaichean sin fhaighinn fhathast.

Tuilleadh air an sgeulachd seo