Iomairt Eòrpach nan Lib-Deamach

  • 5 An Cèitean 2014
Uilleam Rennie
Image caption Cuiridh ceannard Albannach a' phàrtaidh, Uilleam Rennie, agus Rùnaire na h-Alba, Alasdair MacIlleMhìcheil, an iomairt aca air bhog aig taigh-staile ann an Dùn Èideann.

Foillsichidh na Libearalaich Dheamocratach ann an Alba an iomairt aca airson nan taghaidhean Eòrpach Diluain.

Canaidh iad gur e bhòt dha na Lib-Deamaich an dòigh air Alba a chumail anns an Rìoghachd Aonaichte, agus an Rìoghachd Aonaichte anns an Aonadh Eòrpach.

Tha am pàrtaidh airson sealltainn gu bheil Alba - mar phàirt den RA agus an AE - math airson obraichean agus fàs a bhrosnachadh san eaconamaidh.

'S e a' bhòt aig deireadh na mìos seo an tè mu dheireadh ron referendum air neo-eisimeileachd na h-Alba air an 18mh là den t-Sultain.

Anns an taghadh Eòrpach mu dheireadh, bhuannaich na Lib-Deamaich aon a-mach às na sia seataichean a th' aig Alba sa Phàrlamaid Eòrpaich, 's bidh iad co-dhiù airson a chumail mar sin.

Tha dithis Bhall-Pàrlamaid Eòrpach aig an SNP agus aig na Làbaraich, agus aona bhall aig na Tòraidhean.

Cuiridh ceannard Albannach a' phàrtaidh, Uilleam Rennie, agus Rùnaire na h-Alba, Alasdair MacIlleMhìcheil, an iomairt aca air bhog aig taigh-staile ann an Dùn Èideann.

Cleachdaidh iad am manifesto Breatannach aca airson nan taghaidhean air an 22mh là den Chèitean, a' toirt aire dhaoine gu na ceanglaichean eadar Alba agus an còrr den Rìoghachd Aonaichte.

'S e an teachdaireachd a th' aca: Ann am Breatainn, Anns an AE, Ann an obair.

Sin, canaidh iad, an dòigh as cinntiche fàs a bhrosnachadh san eaconamaidh agus dèanamh cinnteach gum bi cosnaidhean ri fhaighinn do mhuinntir na dùthcha.

Thèid iomairtean nan Tòraidhean, nan Uaineach agus UKIP a chur air bhog san t-seachdain a tha romhainn.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile