£6.5m do leasachadh cidhe

  • 2 An Cèitean 2014
Tuath-Gaoithe Mara Image copyright Thinkstock
Image caption Tha Riaghaltas na h-Alba ag ràdh gur e an treas tuath-gaoithe mara as motha a bhios air an t-saoghal.

Dh'fhaodadh gun tèid Gàradh Bhàgh an Eige air Taobh Sear Rois an sàs ann am pròiseact gus tuath-gaoithe a thogail ann an Linne Mhoireibh.

Dh'aontaich a' bhuidheann Global Energy, leis a bheil an gàradh, agus Moray Offshore Renewables Eta (MORL) còmhraidhean a chumail faic dè ghabhas dèanamh aig Pàirce Cumhachd Bhàgh an Eige.

Tha MORL a' beachdachadh air 62 crainn-gaoithe a chur ann an Linne Mhoireibh.

Bha am Prìomh Mhinistear, Ailig Salmond, aig Gàradh Bhàgh an Eige Dihaoine, 's e ag innse gun robh Riaghaltas na h-Alba a' dol a chur £6.5m ris an leasachadh, luach £40.5m, a thathas a' dèanamh air a' chidhe ann an sin.

Dà phròiseact

Bha pròiseact MORL am measg dhà a bha san amharc airson Linne Mhoireibh, agus a fhuair cead bho Riaghaltas na h-Alba sa Mhàirt.

Eadar an dà phròiseact far chladaichean Ghallaibh - bho MORL agus Tuath-Gaoithe Mara Beatrice Eta - bidh 326 crainn-gaoithe uile gu lèir.

Tha Riaghaltas na h-Alba ag ràdh gur e an treas tuath-gaoithe mara as motha a bhios air an t-saoghal, 's gum faodadh gun tèid dealan a chruthachadh do chòrr is millean dachaigh.

Thuirt MORL gur dòcha gum biodh uiread ri 2,400 cosnadh an lùib an obair-togail, 's gum biodh luach £2.5bn san sgeama air fad do dh'eaconamaidh na h-Alba.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile