Luchd-baidhsagail a' dèanamh air Loch Nis

  • 2 An Cèitean 2014
Luchd-baidhsagail aig Loch Nis Image copyright Handout
Image caption Bidh còrr air 1,200 duine bho air feadh Bhreatainn agus à thall-thairis an sàs ann an Etape Loch Nis.

Bidh na ceudan de luchd-baidhsagail a' dol mu timcheall Loch Nis Là na Sàbaid is iad a' gabhail pàirt ann an Etape Loch Nis.

Seo a' chiad bhliadhna dhen turas, agus bidh còrr air 1,200 duine bho air feadh Bhreatainn agus à thall-thairis an sàs ann.

Tòisichidh e an Inbhir Nis aig 6:30m agus bidh dùil ris an luchd-baidhsagail as luaithe air ais anns a' bhaile mu 9:00m.

Tha astar de 67 mìle sa chùrsa.

Tha duais ann airson a' chiad duine bhon Ghàidhealtachd a chuireas crìoch air a' chùrsa.

Cuideachd, bidh duaisean eile ann airson Rìgh is Banrigh na Beinne - sin am fireannach agus am boireannach as luaithe a thèid suas leathad air ceann a deas na locha os cionn Chille Chuimein.