Turas Nèill Iain gus tòiseachadh

  • 2 An Cèitean 2014
Niall Iain Dòmhnallach Image copyright Other
Image caption Tha Niall Iain an dòchas £100,000 a thogail do charthannas slàinte-inntinn.

Chan fhada gus am bi an craoladair Niall Iain Dòmhnallach a' feuchainn ri iomradh na aonar eadar New York agus Steòrnabhagh.

Fàgaidh e Alba is e a' dèanamh air New York Disathairne.

Às dèidh faisg air ceithir bliadhna de dh'ullachadh, tha dùil gun tòisich an dùbhlan aig deireadh na mìos seo.

Cha do dh'iomraich ach deichnear roimhe tarsainn a' Chuain Shiar leotha fhèin.

Tha barrachd dhaoine an dèidh bhith air a' ghealaich.

Cuideachd, cha do ghabh duine a-riamh an t-slighe a ghabhas Niall Iain.

Tha dùil gum bi Niall Iain aig muir airson trì mìosan agus e a' siubhal 3,400 mìle ann an eathar nach eil ach mu 23 tròighean de dh'fhaid.

Carthannas

Bidh e a' togail airgid dhan charthannas slàinte-inntinn SAMH, is e an dòchas £100,000 a chruinneachadh.

A' bruidhinn air Aithris na Maidne, thuirt Niall Iain, aig an robh trioblaidean le slàinte-inntinn e fhèin: "Tha mi an dòchas gum faic daoine a tha a' strì an-dràsta fhèin gu bheil dòigh ann, gu bheil neart aca faighinn seachad air agus faighinn chun taobh eile, agus 's e a' chiad cheum aca agus an dùbhlan aca-san aideachadh gu bheil rudeigin ceàrr agus chan e rud furasta a tha sin dèanamh idir.

"Ach, tha mi an dòchas gum faic iad nach eil iad leotha fhèin, agus gu bheil e comasach faighinn troimhe is gluasad air adhart na do bheatha cuideachd."

A' bruidhinn mun turas, thuirt e: "Tha mi a' faireachdainn gu math rèidh, gu math sìtheil mun a h-uile sìon agus tha mi dìreach toilichte gu bheil sinn aig an ìre seo."

Bha e cuideachd ag ràdh gun robh an trèanadh aige a' dol "uabhasach math" agus gun robh e a' faireachdain misneachail mu bha bha roimhe.

Tuilleadh air an sgeulachd seo