Iomairt theasairginn an Leòdhas

  • 30 An Giblean 2014
An Land Rover air an tràigh Image copyright Iain MacÌomhair
Image caption An Land Rover a bh' air bristeadh sìos air an tràigh 's a chaidh a thoirt a-mach air an làn.

Bha iomairt mhòr theasairginn ann an ceann a tuath Leòdhais an dèidh mar a chaidh Land Rover fhaicinn anns a' mhuir.

Thòisich an iomairt leis na maoir-chladaich, anns an robh heileacoptair, bàta agus sgiobannan air tìr an sàs, mu 6:00f Oidhche Mhàirt.

Chaidh an iomairt a chur dheth nuair a chaidh an duine leis a bheil an carbad a lorg slàn, sàbhailte.

Bha an Land Rover air bristeadh sìos air an tràigh agus chaidh an dràibhear a dh'fhaighinn taic.

Chaidh an carbad an uair sin a thoirt a-mach air an làn.

Tha dùil gum bi an neach leis a bheil an Land Rover ga thogail uaireigin Diciadain.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile