Ìmpidh air muinntir na Pàirce bhòtadh

  • 30 An Giblean 2014

Tha ìmpidh ga chur air muinntir sgìre na Pàirce air na Lochan ann an Leòdhas bhòtadh sa bhaileat mun oighreachd a cheannach.

Tha Urras Oighreachd na Pàirce a' sireadh beachd an t-sluaigh às dèidh don uachdaran aontachadh an oighreachd a reic riutha.

Thuirt an t-urras gu bheil e cudromach gum bhòt na 's urrainn gus am bi e gu math soilleir dè seòrsa beachd a th' aig muinntir an àite.

Feumaidh na bhòtaichean a bhith a-staigh ro 4:30f Diardaoin.

Chaidh aithris bho chionn ghoirid gun robh an t-uachdaran Barry Lomas ag iarraidh barrachd smachd air an teachd-a-steach a thigeadh nan deadh tuath-gaoithe a thogail air an oighreachd, ach tha sin air a rèiteach a-nis.

Ma thèid a' bhòt le Urras Oighreachd na Pàirce, bidh iad an dòchas còir fhaighinn air an fhearann anns na beagan sheachdainnean a tha romhainn.