Taigh-spadaidh ceum nas fhaisge

  • 30 An Giblean 2014
Crodh
Tha an taigh-spadaidh as fhaisge ann an Inbhir Pheofharain.

Tha an obair airson taigh-spadaidh ùr fhaighinn dhan Eilean Sgitheanach 's Loch Aillse air ceum eile a ghabhail.

Thathar a-nis a' sireadh duine a thèid os cionn a' phròiseict.

Dhèanadh an neach sin rannsachadh agus ullachadh airson a' phròiseict.

Chaidh an taigh-spadaidh a bh' ann, ann am Port Rìgh, a dhùnadh bho chionn còrr air fichead bliadhna ach sheall aithisg an-uiridh gun robh iarrtas ann air fear ùr agus gun gabhadh prothaid a dhèanamh às.

"Tha tòrr dhaoine ga iarraidh," thuirt ball den bhuidhinn-stiùiridh, Eachann MacLeòid.

"Airson a h-uile seòrsa beathaich - crodh is caoraich is mucan.

"Bidh e fosgailte airson seirbheis airson a h-uile gin de na beathaichean a tha sin a dhèanamh.

"An-dràsta tha aca ri dhol gu Inbhir Pheofharain airson beathach fhaighinn air a mharbhadh.

"Tha astar mòr ann 's bhiodh e fada na b'fheàrr nam b' urrainn dhaibh a dhol faisg air an taigh ann an seo fhèin," thuirt e.

Dheadh an taigh-spadaidh a thogail air làrach a tha le Comhairle na Gàidhealtachd ann am Port Rìgh.