Eilean Lios Mòr
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Beachdan à Eilean Lios Mòr

30 An Giblean 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Chan eil ach mu 150 neach a' fuireach air Eilean Lios Mòr ann an Earra-Ghàidheal.

Aig a' chiad shealladh, tha e coltach gur dòcha nach dèanadh neo-eisimeileachd an t-uamhas diofar do bheatha an eilein.

Ach, le mòran de na Liosaich an sàs ann an croitearachd, tha an t-Aonadh Eòrpach cudromach dhaibh, 's mar sin tha iad a' ceasnachadh dè a' bhuaidh a bhiodh aig neo-eisimeileachd air a' chàirdeas sin.