Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

29 An Giblean 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Eaconamaidh

Thàinig fàs 0.8% air eaconamaidh na Rìoghachd Aonaichte air a' chiad thrì mìosan den bhliadhna seo, 's tha sin suas bho 0.7% air na trì mìosan mu dheireadh an-uiridh. Tha figearan an là an-diugh a' ciallachadh gun robh còig ùine de dh'fhàs ann, an dèidh a chèile, airson a' chiad uair mus robh èiginn an ionmhais ann. Thuirt an Seansalair, Seòras Osborne, gu bheil an eaconamaidh air an t-slighe cheart. Thuirt Seansalair nan Làbarach, Ed Balls, gu bheil e ri fhaicinn a-niste am faigh luchd-obrach cumanta buannachd às an sin.

Taigheadas

Tha coltas às ùr ann air fàs ann am margaidh an taigheadais ann an Alba, a rèir nam figearan ùra an-diugh. Thàinig fàs mean air mhean air an àireamh dhachannan a chaidh an reic agus an ceannach air a' bhliadhna mu dheireadh, agus dh'èirich prìs nan dachannan sin mu 3.5% air a' bhliadhna.

Leeds

Chuir oifigich ann an Leeds dìon air a' cho-dhùnadh fon do dh'fhosgail an sgoil ann an Leeds an-diugh far an deach tidsear a mharbhadh an-dè, nuair a thug fear de na sgoilearan ionnsaigh orra le sgian. Bha an tidsear, Anne Maguire, 61. Tha gille, a tha 15 bliadhna de dh'aois, an grèim.

Deuchainnean

Tha sgoilearan ann an Alba a' gabhail nan deuchainnean ùra Nàiseanta 5 airson a' chiad uair an-diugh. Tha an teisteanas ùr aig an aon inbhe ri Standard Grade. Tha Riaghaltas na h-Alba agus Ùghdarras Teisteanas na h-Alba, an SQA, gu math cinnteach gun tèid an siostam ùr air adhart gun trioblaid, ged a tha dragh 's gearain am measg aonaidhean an luchd-teagasg mu chus obrach-pàipeir agus uallach obrach anns an ullachadh airson na deuchainnean ùra.

Wolfson

Ghabh bòrd-stiùiridh Wolfson Microelectronics, aon de na companaidhean teicneolais as motha ann an Alba, ri tagradh na companaidh Aimearaganaich, Cirrus Logic, airson an gabhail thairis. Tha luach faisg air £300m air Wolfson, a tha stèidhte ann an Dùn Èideann.

Ugràin

Dh'fhoillsich an t-Aonadh Eòrpach liosta de 15 duine air an tèid smachd-bhannan airson am pàirt anns an èiginn anns an Ugràin. Nam measg, tha Leas-Phrìomh Mhinistear na Ruis agus Ceannard an Airm anns an Ruis. Tha 48 duine a-niste fo smachd-bhannan an EU.