Clàr-ama a dhìth air Càball a' Chuain Sgìth

  • 29 An Giblean 2014
Crann-gaoithe
Image caption Tha cosgais £700m an lùib a' chàbaill.

Bu chòir clàr-ama a stèidheachadh airson cumhachd bho phròiseactan ath-nuadhachail anns na h-Eileanan Siar fhaighinn chun a' Ghriod Nàiseanta, a rèir Comhairle nan Eilean Siar.

Tha aithisg ùr a dh'fhoillsich a' bhuidheann chomhairleachaidh Xero Energy a' togail air na buannachdan mòra a dh'fhaodadh a bhith ann dha na h-Eileanan Siar, Arcaibh agus Sealtainn.

Chaidh an aithisg iarraidh le Riaghaltas na h-Alba agus Riaghaltas Bhreatainn còmhla.

Am measg na fhuair an aithisg, tha gu bheil feum air a bhith a' dealbhachadh bun-structair ùr a thaobh a' ghriod, gus misneachd a thoirt do chompanaidhean a dh'fhaodadh cumhachd ath-nuadhachail sna sgìrean eileanach a thoirt air adhart.

Chaidh figear £700m a chur mu choinneimh a bhith a' cur a' chàbaill an sàs.

Tha Comhairle nan Eilean Siar ag ràdh gu bheil e an urra ris a' chompanaidh SHE Transmission, a thogas an càball, gluasad a-nise.

Oidhirp

"Mur a bi na ceanglaichean air an dèanamh an ìre mhath a dh'aithghearr, 's dòcha gum bi an cothrom air a chall gu bràth," thuirt Fear-Gairm na Comhairle, Tormod Dòmhnallach.

"Chan eil sinn a' tuigsinn carson a tha an dàil ann, agus 's e sin as coireach gu bheil sinn air a bhith ag obair gu math dlùth còmhla ri Riaghaltas na h-Alba agus Riaghaltas Bhreatainn air a' chùis a tha seo a rèiteach.

"Tha mi a' smaoineachadh gu bheil sinn a' dol a chumail oirnn leis an oidhirp.

"Tha sinn air a bhith a' faighinn taic mhath bho Riaghaltas na h-Alba, agus bhon Riaghaltas ann an Lunnainn, agus tha iad mothachail gu bheil an uineag a' dùnadh 's dòcha anns na còig bliadhna a tha romhainn.

"Tha mì-chinnt gu bhith ann bho 2019 air adhart, air sgàth na taice a th' ann airson chumhachd ath-nuadhachail, agus bidh sin a' toirt mì-chinnt dha na companaidhean leasachaidh a th' airson na leasachaidhean a tha seo a thoirt air adhart.

"Chan e rud math sam bith a tha sin dhuinne anns na h-Eileanan," thuirt e.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile