Eaglais na h-Aoidhe

  • 28 An Giblean 2014
Cladh Eaglais na h-Aoidhe Image copyright Urras Eaglais na h-Aoidhe
Image caption Tha eachdraidh mhòr co-cheangailte ri Eaglais na h-Aoidhe ann an Aiginis.

Chaidh seann eaglais san Rubha ann an Leòdhas, a tha dol air ais gu linn Chaluim Chille, a choisigreadh às ùr.

Tha eachdraidh mhòr co-cheangailte ri Eaglais na h-Aoidhe ann an Aiginis.

Chaidh tòrr obrach a dhèanamh airson na ballachan a neartachadh, ach tha am muir air falbh le dàrna leth a' chlaidh a bha ga cuairteachadh agus tha balla-dìon a chaidh a thogail ann an staid cugallach.

Chaidh an làrach a th' ann an-diugh a thogail sa 14mh linn.

Tha ceangal aig an eaglais ri cinnidhean 'ic Leòid, 'ic Neacail agus 'ic Coinnich, agus chaidh suas ri 19 de chinn-chinnidh Leòdach adhlacadh anns a' chladh.

Fhuair Urras na h-Aoidhe taic airgid bho Alba Aosmhor is buidhnean eile airson na h-obrach.

Thuirt Dòmhnall Crichton a bha air Urras Eaglais na h-Aoidhe gur e là airson gàirdeachas a bh' ann.

Bha e ag ràdh gun do rinn a' choimhearnachd math agus gun do rinn an t-urras math.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile