Earrannan gaoithe

  • 28 An Giblean 2014
An crann gaoithe ann am Baile an Truiseil Image copyright Urras Oighreachd Ghabhsainn
Image caption Tha Urras Oighreachd Ghabhsainn ann an Leòdhas am beachd dà chrann-gaoithe eile a thogail faisg air Baile an Truiseil.

Tha Urras Oighreachd Ghabhsainn ann an Leòdhas am beachd dà chrann-gaoithe eile a thogail faisg air Baile an Truiseil agus iad an duil an t-airgead air an son a thusadh le earrannan a reic ris an t-sluagh.

Bhiodh trì crainn-gaoithe aca an uair sin agus tha an t-Urras ag ràdh gur e dòigh mhath a th' ann air airgead a thasgadh, le buannachd nas fheàrr na thigeadh à cunntas-banca.

Thuirt fear de stiùirichean an Urrais, Tormod MacThòmais, is e a' bruidhinn mu na earrannan: "Bu chaomh leinn gum biodh a' choimhearsnachd an sàs ann agus gum biodh iad na bu dlùithe ris a' phròiseict."

Bha Mgr MacThòmais ag ràdh gun cosgadh an sgeama còrr air £2m.

Tha an t-Urras an dòchas pàirt den airgead fhaighinn bhon bhanca air iasad, agus gun deigheadh iad an uair sin chun na choimhearsnachd a reic earrannan.

Thuirt Mgr MacThòmais gum bi co-dhiù riadh de 5% ann.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile