Àrdachadh ann am prìsean thaighean

  • 28 An Giblean 2014
Taighean ùra ann an Steòrnabhagh Image copyright Geograph/Stephen Branley
Image caption Tha rannsachadh Bhanca na h-Alba a' sealltainn gun deach prìsean thaighean sna h-Eileanan Siar suas bho cha-mhòr £60,000 sa chumantas ann an 2004, gu faisg air £105,000 am-bliadhna.

Chaidh prìsean thaighean anns na h-Eileanan Siar suas 78% anns an 10 bliadhna mu dheireadh.

Sin a rèir sgrùdadh a chaidh fhoillseachadh Diluain le Banca na h-Alba, 's a sheall cuideachd gu bheil prìsean ann an Sealtainn air dùblachadh.

Tha rannsachadh Bhanca na h-Alba a' sealltainn gun deach prìsean thaighean sna h-Eileanan Siar suas bho cha-mhòr £60,000 sa chumantas ann an 2004, gu faisg air £105,000 am-bliadhna.

Sin an treas àrdachadh a bu mhotha ann am Breatainn, dìreach air cùlaibh Sealtainn, agus Hackney ann an Lunnain.

Anns a' Ghàidhealtachd, tha prìsean air fàs còrr is 50%, gu còrr is £150,000.

Tha an aithisg ag ràdh gu bheil àiteachan anns a bheil an àireamh de dhaoine gun cosnadh air tuiteam, a' faicinn an àrdachaidh as motha ann am prìsean thaighean.

'S ann an Èirinn a Tuath a bha am fàs a b' ìsle, is prìsean ann an Lisburn air fàs dìreach 5% anns an 10 bliadhna mu dheireadh.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile