Tuilleadh airgid a dhìth air iasgairean nan eilean

  • 25 An Giblean 2014
Bàt-iasgaich
Image caption Cho-dhùin a' Chomhairle an t-seachdain seo gur iad na bàtaichean as motha, a tha a' glacadh an èisg as prothaidaiche, a gheibh prìomhachas.

Tha Rùnaire Chomann Iasgairean nan Eilean Siar, Donnchadh MacAonghais, ag ràdh gum bu chòir do dh'Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean tuilleadh a chosg air gnìomhachas an iasgaich sna h-eileanan.

Thàinig am beachd sin bhuaitheasan agus Comhairle nan Eilean Siar ag innse an t-seachdain seo gu bheil iad ag atharrachadh mar a bhios iad a' roinn an taic-airgid air na h-iasgairean.

Chan eil ach £200,000 air fhàgail ann am buidseat anns an robh, aig aon àm, £600,000.

Cho-dhùin a' Chomhairle an t-seachdain seo gur iad na bàtaichean as motha, a tha a' glacadh an èisg as prothaidaiche, a gheibh prìomhachas.

Thuirt Mgr MacAonghais gum feumar sùil gu math mionaideach a thoirt air dè na seòrsa bàtaichean dhan toirear taic san àm ri teachd.

Ged a tha e coltach gur iad an fheadhainn aig a bheil na bàtaichean as lugha as motha a chailleas, thuirt e gun deadh prìomhachas a thoirt dhan fheadhainn as ùire, 's an fheadhainn a tha comasach air tòrr a ghlacadh.

Thuirt e gu bheil daoine a th' air ùr-thighinn dhan ghnìomhachas mothachail gur iad na bàtaichean as comasaiche air stuth a ghlacadh a tha a dhìth orra.

Taiceil

"Tha a' Chomhairle a' faicinn gu bheil gnìomhachas an iasgaich air a bhith math do choimhearsnachdan air feadh na h-Eileanan, agus gu h-àraidh coimhearsnachdan far nach eil obraichean eile furasta an cruthachadh," thuirt Mgr MacAonghais.

Mura biodh a' Chomhairle, thuirt e gum bhiodh gnìomhachas an iasgaich ann an droch staid.

"Chan eil Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean air bonn-a-sia a chur a ghnìomhachas an iasgaich, dha na bàtaichean, bho chionn timcheall iar còig bliadhna a-nis agus mura biodh an Comhairle, bhiodh cùisean gu math nas miosa," thuirt Mgr MacAonghais.

Leis gu bheil sporran na Comhairle a' fàs teann, thuirt e gu bheil cothrom aig Iomairt na Gàidhealtachd "airgead a chur dha na h-Eileanan mar a bha iad a' cur ann ron a seo".

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile