Naidheachdan 11:00m

Cuideachadh
Miliband

Tha Ceannard nan Làbarach, Ed Miliband, os cionn coinneimh a' Chaibineat aige ann an Glaschu an-diugh, 's na Làbaraich a' strì airson bhòt an aghaidh neo-eisimeileachd san referendum anns an t-Sultain. Canaidh Mgr Miliband gun dèanadh neo-eisimeileachd farpais nach dèanadh ach cron air Alba agus an còrr den Rìoghachd Aonaichte. Tha an SNP ag ràdh gur e bhòt airson neo-eisimeileachd an aon dòigh air am faigh muinntir na h-Alba an riaghaltas dhan do bhòt iad, agus na sochairean agus na seirbheisean poblach air a bheil iad airidh.

RBS

Chuir an Riaghaltas casg air Banca Rìoghail na h-Alba bho bhith a' toirt bònus a dhà uimhir an tuarasdail do luchd-obrach. Tha riaghailtean Eòrpach a' ciallachadh gum feum bancaichean cead luchd nan earrainnean mas fhaod iad sin a dhèanamh. Buinidh còrr is 80% de RBS do luchd-pàighidh nan cìs, agus thuirt an Riaghaltas nach gabh an casg togail gus an tèid structur ùr air a' bhanca.

Ugràin

Tha Ministear Cèin na Ruis a' fàgail air an taobh shiar gu bheil iad airson smachd a ghabhail air an Ugràin. Chaidh Sergei Lavrov às àicheadh, mar a tha na Stàitean a' cumail a-mach, nach eil Moscow a' cur smachd air feadhainn a tha a' taobhadh ris an Ruis air taobh sear na h-Ugràin. Thuirt Prìomh Mhinistear na h-Ugràin gu bheil an Ruis airson an treas cogadh mòr a thòiseachadh le dhùthaich-san a ghabhail thairis.

Morgaidsean

Bidh ceistean gu math nas fharsainge rim freagairt do dhuine a tha ag iarraidh morgaids le atharrachadh a tha a' tighinn gu bith a-màireach. Thèid faighneachd gu mionaideach mu chosgaisean air rudan mar cùraim-cloinne, biadh agus cur-seachadan, airson dearbhadh gun tèid aca air am morgaids a phàigheadh. Tha dragh ann gum faodadh an t-atharrachadh droch bhuaidh a thoirt air margaidh an taigheadais.

Calanais

Tha dragh air feadhainn ann an Leòdhas gum faodadh iomairt airson inbhe mar 'Làrach Dualchais Cruinne' do Thursachan Chalanais droch bhuaidh a thoirt air an sgìre. 'S e Gaseat Steòrnabhaigh a chuir an iomairt air bhonn, ach thuirt Deasaiche a' phàipeir, Melinda Gillen, gun èist iad ri beachdan dhaoine agus gun tèid stad air an iomairt, mur a h-eil daoine ga iarraidh.

Margo NicDhòmhnaill

Tha seirbheis a' dèanamh luaidh air beatha agus saothair Mhargo NicDhòmhnaill a' dol air adhart aig Talla an t-Seanaidh ann an Dùn Èideann. Chaochail am BPA na bu tràithe air a' mhìos an dèidh ùine a' strì ri MS. Bha i 70 bliadhna de dh'aois.

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.