Fearg sa Chòigich mu chidhe dhùinte

  • 24 An Giblean 2014
Cidhe Bhad an Tairbeirt
Thathas a' fàgail air Comhairle na Gàidhealtachd gun do dhùin iad an cidhe gun rabhadh.

Chaidh fàgail air Comhairle na Gàidhealtachd gu bheil iad a' cur eaconamaidh coimhearsnachd air taobh siar Rois ann an cunnart le cidhe a dhùnadh gun rabhadh.

Tha cidhe Bhad an Tairbeirt, anns a' Chòigich faisg air Ulapul, a' frithealadh air feadhainn a tha a' ruith bhàtaichean do luchd-turàis agus air tuathanas-èisg anns an sgìre.

Bha còmhraidhean a' dol eadar an t-ùghdarras ionadail agus buidheann de luchd-cleachdaidh a thaobh obair-càraidh a dhèanamh air a' chidhe, ach chuir luchd-obrach na Comhairle feansa timcheall air an làraich Diciadain.

Tha muinntir na coimhearsnachd ag ràdh nach deach innse dhaibh idir gum biodh an cidhe air a dhùnadh.

Molaidhean

"Chuir sinne molaidhean air adhart gu Comhairle na Gàidhealtachd gus am faigheadh luchd-coiseachd a-mhàin air Cidhe Bhad an Tairbeirt a chleachdadh, gun chothrom aig càraichean a dhol air", thuirt Reiner Luyken bho Bhuidheann Luchd-Cleachdaidh Cidhe na Còigich.

"Bhiodh feansa timcheall air a' phìos den chidhe nach eil sàbhailte, is cothrom aig an fheadhainn a tha a' cleachadh a' chidhe am pìos a tha sàbhailte a chleachdadh.

"Tha barantas againn bho luchd-einnsinnìridh gur e dòigh shàbhailte a tha sin an gnothach a chur air dòigh," thuirt e.

Thuirt Mgr Luyken gu bheil dùnadh a' chidhe a' fàgail nach urrainn dha na bàtaichean do luchd-turàis an obair a dhèanamh is gu bheil e cuideachd a' cur bacadh air obair an tuathanais-èisg

Tha Coimhairle na Gàidhealtachd fhathast gun dad a ràdh mun ghnothach.