BBC fo uallach mu sheasamh an CBI

  • 24 An Giblean 2014
Postair CBI Image copyright CBI
Image caption Tha grunn bhuidhnean air an Caidreachas fhàgail sna beagan làithean a dh'fhalbh, a' bhuidheann chraolaidh STV nam measg.

Tha luchd-taic neo-eisimeileachd na h-Alba air ceistean a thogail mu carson nach eil am BBC air Caidreachas a' Ghnothachais agus a' Ghnìomhachais ann an Alba, an CBI, fhàgail ri linn seasamh na buidhne a thaobh an referendum.

Tha seo a' tighinn an dèidh dhan bhuidhinn innse gu bheilear air clàradh le Coimisiean an Taghaidh mar bhuidhinn a tha gu h-oifigeil an aghaidh neo-eisimeileachd do dh'Alba.

Thuirt tè-labhairt bho Business for Scotland, a tha ag iomairt airson "Bu chòir", gun robhar a' creidsinn gu bheil an dleastanas a th' air a' BhBC airson a bhith neo-phàirteach a' ciallachadh nach eil roghainn eile aig a' chraoladair ach an CBI fhàgail.

Chan eil am BBC air beachd oifigeil fhoillseachadh fhathast.

Tha grunn bhuidhnean air an Caidreachais fhàgail sna beagan làithean a dh'fhalbh, a' bhuidheann chraolaidh STV nam measg.

Tha a' mhòr-chuid de dh'oilthighean na h-Alba air fàgail, a thuilleadh air buidhnean riaghaltais agus companaidhean leithid VisitScotland agus Buidheann Chùraim Balhousie.

Le bhith a' clàradh le Coimisean an Taghaidh, bidh e ceadaichte dhan CBI suas ri £150,000 a chosg air taic a chur ris an iomairt oifigeil a thòisicheas aig deireadh na h-ath-mhìos.

Bidh 16 seachdainean de dh'iomairt ann ro là an referendum - eadar an 30mh là den Chèitean agus an 18mh là den t-Sultain - le casg air na dh'fhaodas gach taobh a chosg.

Aig a' cheart àm, an dèidh beachdachadh gu cùramach air co-dhùnadh an CBI, tha Prionnsapal Oilthigh Raibeart Gòrdain air co-dhùnadh gum bu chòir dhaibh am ballrachd a leigeil seachad "san eadar-ama".

"Thèid ath-bhreithneachadh a dhèanamh às dèidh an referendum agus leanaidh an oilthigh oirre a bhith gu tur neo-phàirteach," thuirt brath-naidheachd bhon oilthigh.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile