Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

24 An Giblean 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Co-op

Tha am Pàrtaidh Làbarach a' beachdachadh air cuir às dha na ceanglaichean eachdraidheil ri Banca a' Cho-op. Tha iad airson luach còrr is £1m de dh'iasadan a ghluasad gu Banca an Unity Trust, a bhuineas ann am pàirt mhòr dha na h-aonaidhean ciùird. Tha am Pàrtaidh Làbarach ag ràdh gur ann air adhbharan coimearsalta a tha iad a' dèanamh sin, ach tha an càirdeas air a bhith cugallach bho chionn ùine le trioblaidean Banca a' Cho-op.

Afganastan

Chaidh triùir dhotair Aimearaganach a mharbhadh ann an Afganastan. Chaidh am marbhadh nuair a loisg geàrd bho fheachd thèarainteachd Afganastan orra le gunna ann an ospadal anns a' phrìomh bhaile, Kabul.

Càball

Tha eòlaiche ag ràdh gum bu chòir dhan Aonadh Eòrpach a dhol an sàs anns an deasbad mu chàball dealain dha na h-Eileanan an Iar. Tha Murchadh Moireach, ann an Leòdhas, ag ràdh gu bheil cho cugallach 's a tha cùisean air taobh sear na h-Eòrpa a' cur teagamh ann an dè cho fad 's a mhaireas cumhachd bhon Ruis. Agus tha ball den Bhuidhinn-Ghnìomha a chuir an Riaghaltas air bhonn airson càbal a bhrosnachadh, ag ràdh gum faodadh na h-Eileanan cothrom air cumhachd ath-nuadhachail a chall buileach glan mura tèid gluasad air adhart leis a' phròiseict.

Bochdainn

Thèid innse do cho-labhairt ann an Steòrnabhagh an-diugh gu bheil bochdainn a cheart cho dona sna h-Eileanan Siar 's a tha e ann am bailtean mòra na h-Alba, ged nach eil e cho follaiseach. Chuir buidhnean a tha a' strì an aghaidh bochdainn anns na h-Eileanan comhairle air doigh, a thèid fhoillseachadh aig a' cho-labhairt agus anns am bheil fiosrachadh do dhaoine a tha a' fulang.

Ecclestone

Thòisich cùis-lagh sa Ghearmailt an aghaidh Àrd-Oifigeach Formula a h-Aon, Bernie Ecclestone. Tha esan fo chasaidean gun do rinn e brìobaireachd, leis gun do phàigh e mu £26m mar dhòigh air dèanamh cinnteach gun deadh earrainnean anns a' ghnìomhachas a reic ri companaidh ris am bheil taobh aige fhèin.

Seirbheis adhair

Tòisichidh seirbheisean adhair a bharrachd eadar Barraigh agus Glaschu anns a' Chèitean. Tha Comhairle nan Eilean Siar a' ruith sgeama pìleat le seirbheis a bharrachd dà là san t-seachdain - an dearbh sheirbheis a gheàrr iad bho chionn beagan is bliadhna. Thuirt a' Chomhairle nach e airgead ùr a phàigheas airson sin, ach airgead a chuir iad an dàrna taobh. Tha iarrtas ann a-nis airson leudachadh air an t-seirbheis eadar Uibhist agus Steòrnabhagh, seirbheis eile a gheàrr a' Chomhairle.