Spreadhadh ann am Farrais

  • 24 An Giblean 2014
Euslainteach a' ruighinn Ospadal Rìoghail Obar Dheathain
Image caption Thugadh aon fhireannach, 59, gu Ospadal Rìoghail Obar Dheathain, 's e air a dhroch ghoirteachadh.

Chaidh seachdnar, luchd-smàlaidh nam measg, a ghoirteachadh ann an spreadhadh is teine aig raon-gnìomhachais ann am Moireibh.

Chaidh fios a chur air na seirbheisean èiginn an dèidh do stòr duslaich fiodha spreadh air làrach James Jones and Sons ann am Farrais.

Chaidh aon neach, a bh' air an goirteachadh gu mòr, a thogail gu Ospadal Rìoghail Obar Dheathain ann an heileacoptair.

Thathas a' tuigsinn gun do thachair an spreadhadh fhad 's a bha luchd-smàlaidh a' dèiligeadh ris an teine.

Chaidh sia de na chaidh a ghoirteachadh a thoirt don ospadal.

Thathas a' tuigsinn gun robh am fear a thugadh a dh'Obar Dheathain, a tha 59, ag obair aig an ionad.

Thugadh dithis smàladair, a tha le chèile 47 bliadhna de dh'aois, gu Ospadal an Ràthaig Mhòir ann an Inbhir Nis.

Dh'fhulaing an treas smàladair lotan beaga, 's cha robh e feumach air an tuilleadh leigheis.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile