Bochdainn sna h-Eileanan Siar

  • 24 An Giblean 2014
HHP
Image caption Aig a' cho-labhairt, thèid "survival pack" fhoillseachadh do dhaoine a tha a' fuireach ann am bochdainn.

Cluinnidh co-labhairt ann an Steòrnabhagh Diardaoin gu bheil bochdainn a cheart cho dona sna h-Eileanan Siar 's a tha e ann am bailtean mòra na h-Alba, ged nach eil e cho follaiseach.

Thèid bileagan fiosrachaidh fhoillseachadh aig a' cho-labhairt, ag innse do dhaoine mar a gheibh iad taic ma 's e agus gu bheil iad a' fulang ri linn gainnead-airgid.

'S e buidheann a tha a' strì an aghaidh bochdainn sna h-Eileanan a chuir an "survival pack" air dòigh.

Am measg nam buidhnean a tha an sàs anns an iomairt, tha Buidheann Taigheadais Innse Gall, Biùro Comhairleachaidh a' Phobaill, Comhairle nan Eilean Siar agus NHS nan Eilean Siar.

Cosgaisean bith-beò

Thuirt Iain MacÌomhair bho Bhuidheann Taigheadais Innse Gall (HHP): "Tha daoine a' smaoineachadh nach eil bochdainn anns na h-Eileanan ann, ach chan eil sin fìor.

"'S mathaid nach eil e cho furasta fhaicinn 's a tha e ann am bailtean mòra, 's tha sinne ag iarraidh dèanamh cinnteach gu bheil daoine a' faicinn gu bheil bochdainn ann 's gum feum sinn fhèin a bhith a' dèanamh rud mu dheidhinn," thuirt e.

Dh'innis Mgr MacÌomhair gun deach sgrùdadh a dhèanamh roimhe a tha a' sealltainn gu bheil cosgaisean bith-beò ann an Steòrnabhagh 30% nas àirde na tha iad sna bailtean mòra.

Tha an àireamh sin ag èirigh gu 50% ann an Uibhist.

Leis gu bheil 70% de dhaoine sna h-Eileanan a' fuireach ann am bochdainn connaidh, agus 10% de chloinn a' fuireach ann an teaghlaichean a th' ann am bochdainn, chaidh co-dhùnadh gum feumar an suidheachadh a thoirt gu aire an t-sluaigh.

"Survival pack"

Aig a' cho-labhairt, thèid "survival pack" fhoillseachadh do dhaoine a tha a' fuireach ann am bochdainn.

Image copyright Science Photo Library
Image caption Tha timcheall air 70% de thaighean anns na h-Eileanan an Iar ann am bochdainn connaidh.

Bheir e stiùireadh dhaibh air càite am faigh iad cuideachadh agus taic le cùisean leithid airgid, fhiachan, chothroman ionnsachaidh, obraichean, agus fiù 's le bhith a' ceannach àirneis-taighe.

Thuirt Mgr MacÌomhair gu bheil an t-airgead a tha daoine a' faighinn bhon stàit ga ghearradh, mean air mhean, 's gu bheil gnothaichean leithid cìs nan seòmraichean cadail a' ciallachadh gu bheil daoine a' call an airgid stàite gu lèir.

Tha buaidh ga toirt air daoine a tha ag obair cuideachd, thuirt e, le prìsean, leithid prìs a' chonnaidh agus phrìsean bidhe, ag èirigh nas luaithe na tuarastail dhaoine.

Dhaingnich Mgr MacÌomhair gur e prìomh amas na co-labhairt toirt air daoine a bhith mothachail gu bheil bochdainn anns na h-Eileanan, 's gu bheil taic ri fhaotainn dhan fheadhainn a tha ann an èiginn.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile