Seirbheisean adhair gan tilleadh eadar Barraigh is Glaschu

  • 24 An Giblean 2014
Plèana Image copyright Undiscovered Scotland
Image caption Tha Comhairle nan Eilean Siar a' ruith sgeama pìleat, le seirbheis a bharrachd dà là san t-seachdain - an dearbh sheirbheis a chaidh a ghearradh bho chionn beagan is bliadhna.

Tòisichidh seirbhisean adhair a bharrachd eadar Barraigh agus Glaschu anns a' Chèitean.

Tha Comhairle nan Eilean Siar a' ruith sgeama pìleat, le seirbheis a bharrachd dà là san t-seachdain - an dearbh sheirbheis a chaidh a ghearradh bho chionn beagan is bliadhna.

Thuirt a' Chomhairle nach e airgead ùr a phàigheas air a shon, ach airgead a chuir iad an dàrna taobh.

Tha iarrtas ann a-nis airson leudachadh air an t-seirbheis eadar Uibhist agus Steòrnabhagh, seirbheis eile a gheàrr a' Chomhairle.

Thuirt a' Chomhairliche Uibhisteach, Uisdean Robasdan: "Bha sinn a' faighinn faireachdainn à Barraigh fhèin gur e sin a b' fheàrr leotha, seirbheisean a bharrachd a bhith eadar Barraigh agus Glaschu.

Thuirt Mgr Robasdan gu bheil a' Chomhairle air a bhith a' feuchainn ri sin thoirt air adhart on chaidh na gearraidhean a dhèanamh a' bhòn-uiridh.

"'S dòcha ann an ùine gun tig sin a leudachadh; bhithinn an dòchas gun tig iomairt air adhart airson sin a dhèanamh," thuirt e.

Seirbheis slàinte

Anns a' Ghearran, nochd beachd on Chomhairliche, Raghnall MacFhionghain, gu bheil an gearradh san t-seirbheis adhair eadar Beinn nam Fadhla agus Steòrnabhagh gu trì là san t-seachdain a' fàgail na seirbheis slàinte a thathar a' tabhann do mhuinntir Uibhist air dheireadh air na th' aig muinntir Bharraigh.

Ged a chaidh aontachadh sùil eile a thoirt air seirbheis Beinn na Fadhla gu Steòrnabhagh, thathar ga cumail mar a tha i an-dràsta.

"Rinn sinn beagan de strì mu dheidhinn sin agus chaidh aontachadh gun coimheadadh a' Chomhairle air an sin a-rithist," dh'innis Mgr Robasdan.

Thuirt e nach cualar mòran mu dheidhinn bhon uair sin, ach gun do thog iad a' cheist aig a' choinneimh ann an Uibhist.

Thuirt e gu bheil a' Chomhairle Coimhearsnachd ann an Uibhist air iarraidh coinneamh a chumail le Loganair air an ath-mhìos.

"Tha sinn airson tuigsinn dè na duilgheadasan a th' ann thoireadh bhathar ag ràdh gun robh duilgheadasan ann le itealain, gun robh iad air slighean eile agus gun robh duilgheadasan ann 's dòcha le sgeama ADS a dhèanamh eadar Beinn na Fadhla agus Steòrnabhagh," thuirt e.

Thuirt e gu bheilear airson tuigsinn nas fheàrr a bhith aca a thaobh nan duilgheadasan sin agus, nan tigeadh àrd-oifigich Loganair a-nuas a dh'Uibhist, gum faighear cothrom còmhradh a dhèanamh mu deidhinn.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile