Amannan "gu math duilich" ro CnES

  • 24 An Giblean 2014
Comhairle nan Eilean Siar
Image caption Tha gearraidhean a bharrachd san amharc aig Comhairle nan Eilean Siar.

Dh'aidich Fear-Gairm Comhairle nan Eilean Siar, Tormod Dòmhnallach, gu bheil amannan "gu math duilich" air thoiseach orra is gearraidhean a bharrachd san amharc.

Bha Mgr Dòmhnallach a' bruidhinn aig coinneamh den Chomhairle ann an Uibhist, a' chiad turas a bha iad air coinneachadh an sin fad dusan bliadhna.

Tha an t-ùghdarras an-dràsta a' beachdachadh air a' bhuidseat aca 'son an ath thrì bliadhna, ged a tha iad fhathast a' feitheamh air dearbhadh air dè an t-sùim a gheibh iad bho Riaghaltas na h-Alba.

Tha suidheachadh CnES a' ciallachadh gun robh iad thuige seo a' faighinn mu £15m a bharrachd na bu chòir fon dòigh-mheasaidh a tha an Riaghaltas a' cleachdadh gus airgead a roinn eadar na comhairlean air fad.

Iomagain

Tha beagan de dh'iomagain air Comhairle nan Eilean Siar gum bi lùghdachadh air an t-sùim sin.

"Tha mi a' smaoineachadh gur e an cunnart a th' ann, leis mar a tha a h-uile ùghdarras ionadail ann an Alba a' fulang le gainnead airgid, gun ruig iad an ìre a-nise gu bheil cuideigin a' dol a ràdh rudeigin mu dheidhinn, is ma thèid a h-uile càil a tha sin ma sgaoil, dh'fhaodadh sinn a bhith ann an suidheachadh gu math bochd dha-rìribh," thuirt Tormod Dòmhnallach.

Fiù 's gun lùghdachadh air an airgead a tha an t-ùghdarras a' faighinn, dh'fhaodadh gum bi aca ri £11m a chaomhnadh eadar 2015 is 2018, is thuirt Mgr Dòmhnallach gu bheil fios aca gun toireadh an leithid buaidh mhòr air an àite.

"Tha sinn mar-thà anns na còig bliadhnaichean a chaidh seachad air faisg air £20m a ghearradh a-mach às a' bhuidseat againn agus tha sin a-nise a' ruighinn na h-ìre gu bheil gearraidhean gu math domhainn is gu math duilich ann," thuirt e.

Thuirt Mgr Dòmhnallach gun dèan a' Chomhairle co-luadar a-rithist am measg an t-sluaigh air càite am bu chòir dhaibh gearraidhean a dhèanamh.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile