Beartas nan Nàiseanan

  • 23 An Giblean 2014

Chuir mise grunn bhliadhnaichean seachad aig Oilthigh Ghlaschu - bliadhnaichean gu leòr co-dhiù.

Ach tha mi air a bhith air ais cho tric o chionn ghoirid gun smaoinichinn gur e oileanach a bha annam a-rithist.

Mun àm seo an-uiridh bha mi ann airson an reifrinn bhrèige aca, anns an do bhòt mòrchuid airson an t-Aonadh a ghlèidheadh.

Thill mi aig deireadh na bliadhna gus beachdan fhaighinn bho oileanaich air an deasbad mu neo-eisimeileachd - beachdan nas taiceile don chùis, mar a thachair.

Agus beagan sheachdainean air ais bha mi ann gus rabhadh a chluinntinn bho sheann cheannard nan Lib Deamach, Teàrlach Ceannadach, nach robh an iomairt airson an Aonaidh idir "deimhinneach" gu leòr.

A-raoir, b' e an seann phrìomhaire Làbarach, Gòrdon Brown, a fhuair an cothrom freagairt a thoirt don charaid aige anns an iomairt Nas Fheàrr Còmhla.

Argamaid

Coltach ris a' Cheannadach bha an Dr Brown roimhe na Rector oilthigh, ach aig Dùn Èideann.

Thàinig e gu Alma Mater Adam Smith airson argamaid a dhèanamh a bha stèidhichte air beartas nan ceithir nàiseanan a tha anns an Rìoghachd Aonaichte.

Na bheachd, b' e sin adhbhar an Aonaidh, gus beartas a roinn a-mach eadarra agus cothrom na Fèinne a thoirt do gach duine as bith dè an nàisean dham buinn iad.

Gu ìre mhòir, cha robh aire air an Aonadh a chaidh a chrutheachadh anns an ochdamh linn deug, ach air an aonadh shòisealta agus eaconomach a dh'fhàs, da rèir-san, tron fhicheadamh linn le fàs a' phàrtaidh Làbaraich.

Thuirt e gum b' iad Albannaich a leithid Keir Hardie, James Maxton agus John Wheatley a chuir romhpa gum bu chòir cùram slàinte agus sochairean sòisealta a thoirt seachad mar sheirbhisean cumanta don Rìoghachd Aonaichte air fad.

Carson, dh'fhaighnich e, am bu chòir sin a bhriseadh anns a' chiad linn air fhichead?

Cuideam

Thug an t-seann phrìomhaire iomradh air còig adhbharan "deimhinneach" airson an t-Aonadh a ghlèidheadh.

Nam measg bha maoineachadh na seirbhis slàinte, cosnaidhean, an not agus am BBC.

Ach chuir e cuideam sònraichte air peinseanan.

Thuirt e gun robh Alba a' faighinn barrachd airgid airson pheinseanan na bhiodh dùil a rèir meud an t-sluaigh.

Agus, thuirt e, dh'fhàsadh a' bheàrn sin fiù 's nas motha anns na bliadhnaichean ri thighinn.

Chaidh Yes Scotland às àidhcheadh sin ag ràdh gun robh Alba co-dhiù beartach gu leòr gus peinseanan a mhaoineachadh.

Sgrùdadh

B' e seo a' chiad uair a bhruidhinn Gòrdon Brown fo bhratach Nas fheàrr còmhla - thuige seo, chaidh e an sàs anns an deasbad bho àrd-ùrlar Làbarach a-mhàin.

Tha an iomairt thar-phàrtaidh airson an Aonaidh air a bhith fo uallach agus sgrùdadh mòr anns na seachdainean a dh'fhalbh, agus fianais anns na cunntasan-bheachd gu bheil luchd-taic neo-eisimeileachd a' dèanamh adhartas.

Dh'fheuch Mgr Brown ri sealtainn a-raoir gun robh luchd an Aonaidh aonaichte.

Ach rinn e sin le argamaid a bha ag amas air luchd-taic a' phàrtaidh aige fhèin, an dearbh dhaoine ris an do bhruidhinn ceannardan an SNP ron a' Chàisg.

Is coltach gu bheil an dà thaobh dhen bheachd gur ann air na daoine sin a tha bhòt na Sultain a crochadh.

Agus, mar a thuirt Gòrdon Brown, chan eil ach còig mìosan gus an dèan iad co-dhunadh.