RA "a' dìon pheinnseanan na h-Alba"

  • 23 An Giblean 2014
Gòrdan Brown
Image caption Thuirt Mgr Brown gum bi peinnseinearan "air an dìon nas fheàrr" fhad 's a tha Alba a' co-roinn "chunnartan is ghoireasan" leis a' chòrr den Rìoghachd Aonaichte.

Rinn Gòrdan Brown, a bha roimhe na Phrìomhaire, òraid as leth na h-iomairt "Nas Fheàrr Còmhla" ann an Glaschu oidhche Mhàirt.

Aig cridhe na h-argamaid aige, bha peinnseanan.

Thuirt Mgr Brown gum bi peinnseinearan "air an dìon nas fheàrr" fhad 's a tha Alba a' co-roinn "chunnartan is ghoireasan" leis a' chòrr den Rìoghachd Aonaichte.

Thuirt an Dr Eilidh Whiteford bho Phàrtaidh Nàiseanta na h-Alba gun robh beachdan an t-seann Phrìomhaire "amaideach".

Thuirt i gum biodh e na b' fhasa do dh'Alba neo-eisimeileach peinnseanan a dhìon agus a phàigheadh na bhiodh e do Bhreatainn air fad.

Leis gu bheil Albannaich air a bhith a' pàigheadh àrachais nàiseanta "fad am beatha", thuirt Mgr Brown gum bu chòir sin a bhith a' cur ris na peinnseanan aca.

Dà dhealbh

A' bruidhinn aig Oilthigh Ghlaschu, thuirt e nach bu chòir dhan deasbad mu neo-eisimeileachd a bhith stèidhichte air co-dhiù a bheil an luchd-bhòtaidh "airson Alba no airson an Aonaidh".

"'S ann a tha an deasbad dha-rìribh eadar dà dhealbh Albannach de dh'àm ri teachd na h-Alba," thuirt e.

Aon dealbh fo neo-eisimeileachd, far a bheil cunnart agus mì-chinnt agus briseadh ga dhèanamh air na ceanglaichean poileataigeach eadar Alba agus an còrr den Rìoghachd Aonaichte, agus dealbh eile far a bheil cunnartan eaconamach air an roinn a-mach eadar gach dùthaich agus sgìre gu cothromach.

Tha Mgr Brown ag ràdh gu bheil luchd-togail nam peinnsean air an dìon gu math nas fheàrr mar phàirt den Rìoghachd Aonaichte, leis gu bheil stòras airgid na Rìoghachd air fad ri fhaotainn airson peinnseanan a phàigheadh.

Image caption Thuirt an Dr Eilidh Whiteford gun robh beachdan Mhgr Brown "amaideach".

Thuirt e gu bheil an àireamh de pheinnseinearan ag èirigh nas luaithe ann an Alba na sa chòrr de Bhreatainn agus gun cuireadh seo uallach, na bheachd-san, air Alba neo-eisimeileach a bhith a' pàigheadh nam peinnseanan.

Ceart agus cothromach

Thuirt e gum biodh e "ceart agus cothromach" do shluagh Bhreatainn air fad uallach a ghabhail airson peinnseanan na h-Alba a phàigheadh, mar phàirt den RA.

Cuideachd, leis gu bheil luchd-obrach na h-Alba air a bhith a' pàigheadh àrachais nàiseanta "fad am beatha", bheachdaich Mgr Brown gum bu chòir sin a bhith a' cur ris na peinnseanan aca.

"Tha riaghaltas an SNP air a ràdh gum bu chòir a' chùis airson neo-eisimeileachd a bhreithneachadh a thaobh co-dhiù am biodh buannachdan ionmhasail na lùib do dh'Alba.

"Tha e follaiseach gu bheil peinnseinearan air an dìon nas fheàrr nuair a tha cunnartan eaconamach air an roinn eadar dùthchannan na Rìoghachd Aonaichte," thuirt Mgr Brown.

Amaideach

Tha an SNP ag ràdh nach eil Mgr Brown ach a' feuchainn ri eagal a chur air daoine, agus gu bheil na tha e ag ràdh a' sealltainn cho beag tuigse 's a tha aige air cùisean eaconamach.

Thuirt an Dr Eilidh Whiteford, a bhios a' bruidhinn as leth Roinn na h-Obrach agus nam Peinnseanan ann an Westminster: "Tha na beachdan a tha Gòrdan Brown a' cur an cèill mu pheinnseanan dìreach amaideach.

Thuirt i gum biodh Alba nas comasaiche na peinnseanan a phàigheadh na bhiodh Breatainn air fad, agus gu bheil sgrùdadh a thàinig bhon Institiud Nàiseanta airson Rannsachaidh Eaconamaich agus Shòisealta a' sealltainn nach eil càil a bharrachd uallaich air Alba a thaobh sluagh a' fàs nas sine na th' air Breatainn air fad.

"Ann an Alba neo-eisimeileach, bidh sinn comasach air roghainn chothromach a toirt do pheinnseanairean, le glas trìbilte air peinnseanan-stàite gus cumail suas ri cosgaisean bith-beò," thuirt an Dr Whiteford.