Seirbheisean adhair ùra don Ghàidhealtachd

  • 23 An Giblean 2014
Plèana Flybe
Bidh dà sheirbheis san là ann, air ais 's air adhart, gu meadhan baile Lunnainn às Inbhir Nis.

Tòisichidh Flybe air seirbheisean adhair a ruith eadar Inbhir Nis agus meadhan Lunnainn san Damhair.

Thàinig a' chompanaidh gu aonta le Port-adhair London City airson còig bliadhna.

Bidh dà sheirbheis ann san là às Inbhir Nis, agus ceithir san là bho Dhùn Èideann.

Tòisichidh na seirbheisean air 27mh an Dàmhair, agus a' chompanaidh an dùil gun tàl na slighean luchd-siubhail gnothachais.

"Thug sinn aire gu cho tarraingeach 's a tha e do luchd-gnothachais a bhith a' ruigsinn meadhan Lunnainn ro 09:15m agus a bhith air ais aig an taigh feasgar," thuirt Àrd-Stiùiriche na companaidh, Saad Hammad.

Chuir an dà chuid Puirt-adhair na Gàidhealtachd 's nan Eilean (HIAL) agus a' Chomhairle Albannach airson Leasachaidh agus Gnìomhachais (SCDI), fàilte air na seirbheisean às Inbhir Nis.

"Chan eil na h-aon cheanglaichean aig London City 's a th' aig leithid Heathrow agus Gatwick, ach a thaobh cheanglaichean ri meadhan a' bhaile, tha a e air leth freagarrach do ghnothachas," thuirt Fraser Grieve bhon SCDI.