Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

23 An Giblean 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tuath-gaoithe Ghallaibh

Thàinig dearbhadh bho Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte gu bheil iad a' cur an taic ri sgeama anns a bheil luach nam milleanan not airson tuath-gaoithe mhòir aig muir far chladach Ghallaibh, am measg ochd sgeamaichean mòra ath-nuadhachail. Bha dragh ann nach cuireadh an Riaghaltas ann an Lunnainn taic ri sgeama Beatrice, anns am bheil SSE agus Repsol an sàs. Thug Riaghaltas na h-Alba cead-dealbhachaidh dhan sgeama air a' mhìos a chaidh.

Luathrachan Morton Hall

Tha luchd-lagha nan teaghlaichean air an tug an sgainneal mu luath chloinne aig Luathrachan Morton Hall buaidh ag iarraidh air Comhairle Dhùn Èideann aithisg mun chùis fhoillseachadh. Thug a' Bhan-Uasal Elish Angiolini an rannsachadh mun luathrachan dhan Chomhairle an t-seachdain seo chaidh, agus thuirt a' Chomhairle gum bi iad a' sgrìobhadh gu pàrantan an ath-sheachdain. Tha connspaid ann mun dòigh san robh a' Chomhairle fad bhliadhnaichean a' faighinn cuidhteas dust chloinne gun fhios do phàrantan.

Cuirp Chloinne

Chaidh boireannach a tha 43 bliadhna de dh'aois, a chur an grèim fo amharas mu mhurt an dèidh do phoilis cuirp thriùir chloinne fhaighinn aig taigh ann an New Malden ann an ceann a deas Lunnainn an-raoir. Thuirt na Poilis nach eil iad a' coimhead airson duine eile co-cheangailte ris a' chùis.

Coirea a Deas

Chuir na h-ùghdarrasan ann an Coirea a Deas an grèim ceathrar eile de chriubha a' bhàt-aiseig a chuir car agus a chaidh fodha an t-seachdain seo chaidh. Tha fios ann a-niste gun do chaill 150 duine am beatha, agus tha mun aon àireamh a-rithist fhathast a dhìth. 'S e deugairean a bh' air turas sgoile a th' anns a' mhòr-chuid dhiubh, agus bha seirbheis chuimhneachaidh dhaibh aig an sgoil sin an-diugh.

Comhairle nan Eilean Siar

Tha Comhairle nan Eilean Siar a' cur buidseat airson an ath-thrì bliadhna romhpa an-diugh 's iad a' beachdachadh air gearraidhean cho mòr ri £11m. Tha buill na Comhairle a' coinneachadh ann an Uibhist airson a' chiad turais ann an dusan bliadhna.

Seirbheisean Adhair Ùra

Thàinig Flybe gu aonta airson còig bliadhna ri Port-adhair London City. Bidh sin a' ciallachadh dà sheirbheis gach là air ais agus air adhart eadar Inbhir Nis agus Lunnainn, agus ceithir gach là eadar Dùn Èideann agus Lunnainn. Bidh sin a' fàgail Flybe le 27 seirbheis dìreach a-mach às Alba.

Bun-sgoil Ghàidhlig Phort Rìgh

Thèid tuilleadh fiosrachaidh a thoirt do choinneimh ann am Port Rìgh a-nochd mun ìre aig a bheil am pròiseact airson bun-sgoil Ghàidhlig anns a' bhaile. Tha Comhairle Choimhearsnachd Phort Rìgh agus a' Bhràighe a' ceasnachadh a bheil feum air sgoil Ghàidhlig. Thòisich an obair air làrach na sgoile air Rathad an t-Sruthain le dùil gun tèid tòisachadh air air togail na sgoile fhèin an ath-bhliadhna.

Lewis Mac a' Phearsain

Rinn ceannard Acadamaidh Allt a' Mhuillinn ann an Inbhir Nis luaidh air Lewis Mac a' Phearsain, a bha 17 bliadhna de dh'aois, agus a bh' air a' chòigeamh bliadhna san sgoil, agus a fhuaireas marbh ann an taigh faisg air an sgoil a' bhòn-dè. Thuirt an Rector, Gavin MacIllEathain, gu bheil an co-fhaireachadh aig teaghlach agus caraidean Lewis, agus gum bi ionndrainn mhòr air anns an sgoil. Tha Poilis a' rannsachadh na cùise.