Coinneamh mu sgoil Ghàidhlig Phort Rìgh

  • 23 An Giblean 2014
Port Rìgh Image copyright Undiscovered Scotland
Image caption Uile gu lèir, tha dùil gum bi cosgais £8.5m mu choinneimh na sgoile, le £3m a bharrachd a dhìth airson ostail-sgoile ùir.

Thèid innse do phàrantan ann am Port Rìgh oidhche Chiadain dè an ìre aig a bheil am pròiseact airson bun-sgoil Ghàidhlig a thogail sa bhaile.

Tha an naidheachd a' tighinn agus a' Chomhairle Choimhearsnachd air ceist a thogail mun phròiseict.

Uile gu lèir, tha dùil gum bi cosgais £8.5m mu choinneimh na sgoile, le £3m a bharrachd a dhìth airson ostail-sgoile ùir.

Chaidh làrach a thaghadh air Rathad an t-Sruthain anns a' bhaile, far a bheil dùil gun tòisich obair-togail ann an 2015.

An-uiridh, gheall Riaghaltas na h-Alba gun cuir iad £4.5m ris a' phròiseict.

Cumaidh Comhairle na Gàidhealtachd coinneamh fhiosrachaidh oidhche Chiadain far an tèid innse dè an ìre aig a bheil na pròiseactan, agus dè a' bhuaidh a bheir iad air a' bhun-sgoil a th' ann an-dràsta.

Ach tha an naidheachd a' tighinn agus Comhairle Choimhearsnachd Phort Rìgh agus a' Bhràighe air a ràdh gum bu chòir baileat a dhèanamh am measg phàrantan, agus sia bliadhna ann bho chaidh beachd an t-sluaigh a shireadh.

Tha dùil gun tèid a' chùis a dheasbad nuair a choinnicheas iadsan oidhche Ardaoin.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile