Tagraidhean bhon dà thaobh air Là Naoimh Sheòrais

  • 23 An Giblean 2014
Ailig Salmond agus Daibhidh Camshron
Tha Ailig Salmond agus Daibhidh Camshron a' riochdachadh an dà thaobh den deasbad air neo-eisimeileachd na h-Alba.

Nì Prìomh Mhinistear na h-Alba, Ailig Salmond, moladh Diciadain air an aonadh shòisealta eadar Alba agus an còrr den Rìoghachd Aonaichte.

Na òraid ann an Cathair Luail, canaidh Mgr Salmond gum biodh co-obrachadh eaconamach nas motha eadar Alba neo-eisimeileach agus ceann a tuath Shasainn.

Aig a' cheart àm, canaidh am Prìomhaire, Daibhidh Camshron, san teachdaireachd aigesan air Là Naoimh Sheòrais, gu bheil an Rìoghachd Aonaichte nas làidire còmhla.

Canaidh Mgr Camshron, ge bith dè cho làidir 's tha na diofar phàirtean de Bhreatainn annta fhèin, gu bheil iad nas làidire còmhla.

Bidh Ailig Salmond cuideachd a' bruidhinn mu dheidhinn aonaidh, ach 's e aonadh sòisealta a tha fa-near dhasan.

Dlùth-cheanglaichean

Tha dùil gun innis Mgr Salmond do dhaoine ann an ceann a tuath Shasainn gun leanadh na dlùth-cheanglaichean eadar Alba agus a' chòrr den Rìoghachd Aonaichte nam biodh i na dùthaich neo-eisimeileach.

Faodaidh daoine fuireach air an dàrna taobh den chrìch agus a dhol a dh'obair air an taobh eile, canaidh e.

Dh'fhaodadh daoine cuideachd pòsadh air taobh-seach-taobh den chrìch, bhiodh teaghlaichean fhathast a' cèilidh air càch a chèile, agus bhiodhte fhathast a' coimhead nan dearbh phrògraman telebhisein.

A thuilleadh air an sin, canaidh Mgr Salmond gun obraicheadh Alba neo-eisimeileach gu dlùth le ceann a tuath Shasainn airson cothroman obrach a chruthachadh agus eaconamaidh na sgìre a neartachadh.

Tha esan air gealltainn, nam b' e agus gum bhòtadh Alba airson neo-eisimeileachd, gun cumadh an Riaghaltas sreath de choinneamhan sònraichte a' coimhead ri co-obrachadh eaconamach le ceann a tuath Shasainn.

'S e càirdeas a bhiodh ann, canaidh e, a bhiodh air a neartachadh le Alba neo-eisimeileach.

Nas soirbheachaile

Bha teachdaireachd gu tur eadar-dhealaichte air Daibhidh Camshron, 's esan den bheachd, mar a biodh dùil, gum biodh sinn nas fheàrr còmhla.

Thuirt Mgr Camshron gu bheil e comasach a bhith moiteil às na diofar dhùthchannan anns an Rìoghachd Aonaichte, ach fhathast a bhith taiceil dhan Aonadh.

Ge bith dè cho soirbheachail 's a tha aon de na dùthchannan a tha sin, tha esan den bheachd gu bheil sinn nas soirbheachaile còmhla.

'S e soirbheas cho cudromach 's a bh' aig Sasainn a-riamh mar a tha i air a bhith mar phàirt den Rìoghachd Aonaichte, a rèir Mhgr Chamshron.

A' bruidhinn ri sluagh Shasainn, thuirt e gu bheil mòran ann air am faodar luaidh a dhèanamh.

Thuirt e gu bheil Sasainn air a bhith fada nas soirbheachaile ann an gnìomhachas, teicneòlas, spòrs, ceòl, litreachas agus na h-ealain na bhiodh dùil, a rèir meud na dùthcha.

Leis an sin, ged a tha Mgr Camshron a' sìneadh a-mach gu muinntir na h-Alba gu ìre, an fheadhainn a bhios a' bhòtadh san referendum air neo-eisimeileachd san t-Sultain, tha e cuideachd san òraid seo a' bruidhinn ri luchd-èisteachd eadar-dhealaichte - an fheadhainn 's dòcha a bhuineadh dhan phàrtaidh aige fhèin 's a tha am beachd taic a thoirt dha UKIP sna taghaidhean a th' air thoiseach orra.