Eun-creachaidh
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Coinneamh mu bhàs eun-creachaidh

23 An Giblean 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tha còrr is mìos ann a-nis bhon a thòisich poilis a' rannsachadh puinnseanachadh eòin-chreachaidh ann an Siorrachd Rois.

Chaidh 20 clamhan agus clamhan-gobhlach a mharbhadh, agus ged a tha duais £26,000 ga thabhainn airson fiosrachaidh, tha oifigearan fhathast gun duine a chuir an grèim.

Choinnich cuid de thuathanaich na sgìre ri Buill-Pàrlamaid Albannach agus na poilis airson a' chùis a dheasbad.

Dh'fhaodadh gun cuir cuid de na dealbhan san aithris aig Doneil MacLeòid dragh air daoine.