Draghan mu dhùnadh ionadan èiginn

Luchd-smàlaidh Chaidh na planaichean aontachadh san Fhaoilleach, ach tha rannsachadh a-nis a' dol air adhart.

Chuala buill ann am Pàrlamaid Albannach draghan mu phlanaichean gus seòmraichean stiùiridh èiginn ann an Inbhir Nis agus Obar Dheathain a dhùnadh.

Dh'innis an luchd-iomairt Jody Curtis às Obar Dheathain, agus Laura Ros às Inbhir Nis, do Chomataidh nan Ath-chuingean gun deadh eòlas ionadail a chall nan deadh na h-ionadan a dhùnadh.

Tha iad ag ràdh gum biodh ainmean-àite agus blasan-cainte ionadail doirbh do luchd-obrach ann an sgìrean eile den dùthaich a thuigsinn.

Dh'aontaich bùird Phoilis agus Smàlaidh na h-Alba san Fhaoilleach gun deadh na th' ann de sheòmraichean-stiùiridh a lùghdachadh.

Rannsachadh

Thuirt an luchd-iomairt gun robh dream de luchd-obrach a bh' air a bhith ris an obair iomadh bliadhna anns na seòmraichean-stiùiridh, 's aig an robh eòlas farsainn ionadail ri linn.

Thuirt iad cuideachd gum bu chòir gun robh co-chomhairleachadh am measg choimhearsnachdan air a bhith ann air na planaichean.

Thuirt am BPA Nàiseantach airson Ceann a Deas na h-Alba, Chic Brodie, gun gabh draghan mu eòlas ionadail tuigsinn, ach nach seasadh iad ri sgrùdadh.

Thòisich Comataidh a' Cheartais, agus fo-chomataidh ùr a chruthaich buill na comataidh sin, mar thà air coimhead ri draghan mu na planaichean gus na seòmraichean-stiùiridh a dhùnadh.

Dh'aontaich Comataidh nan Ath-chuingean gum feitheadh iad ri toraidhean an rannsachaidh sin mus deadh iadsan air adhart.

Fo phlana a chuir Àrd-Chonstabal Phoilis na h-Alba, Sir Stephen House, air adhart, dheadh còig de na 11 ionadan a ghlèidheadh.

Dheadh Sgìre an Iar a riaghladh bho ionad Thobar na Màthar agus Bhaile a' Ghobhainn, le Sgìre an Ear fo sgèith ionad Bilston Glen faisg air Dùn Èideann.

Dheadh Sgìre a Tuath a chur fo sgèith ionadh Dhùn Dè.

Caillidh Inbhir Nis a sheòmar-stiùiridh phoilis, ach an àite sin, thèid e na phrìomh ionad airson dèiligeadh ri suidheachaidhean mòra èiginneach air feadh na h-Alba.

Thèid cuideachd ionadan Onar Dheathain, Dhùn Phris, Fìobha agus na h-Eaglaise brice a dhùnadh.

Glèidhear ionadan Dhùn Èideann, Dhùn Dè, agus Johnstone ann an Siorrachd Rinn Friù.

Sgeulachdan aithriseach

  • DìleasRobo Chù Listen

    Luchd-saidheans ag ràdh gun gabhadh ròbotan a chleachdadh an àite chon-chaorach airson caoraich a bhuachailleachd.


  • Am prìomh thogalachCampas ùr Inbhir Nis

    Tha obair a' leantainn aig làrach ùr Colaiste Inbhir Nis, le leasachaidhean eile na broinn.


What is VOCAB? Deth'ann a VOCAB?

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.