Seann bhuill a' dol còmhla ri eaglais eile

  • 22 An Giblean 2014
Àrd-Eaglais Steòrnabhaigh
Image caption Tha cuid den choithional mì-thoilichte le seasamh Eaglais na h-Alba air ministearan gèidh.

Tha làn-dùil aig an fheadhainn a dh'fhàg coithional Àrd-Eaglais Steòrnabhaigh a dhol còmhla ri eaglais eile san sgìre.

Dh'fhàg cuibhreann den choithional is iad mì-thoilichte le seasamh Eaglais na h-Alba air ministearan gèidh.

Rinn iad adhradh san Àrd-Eaglais 'son an turais mu dheireadh Là na Sàbaid.

"'S e dha-rìribh na seirbheisean mu dheireadh a bh' ann dhan fheadhainn a tha a' fàgail na h-Àrd-Eaglaise," thuirt Christopher Màrtainn, a bha na Chlarc an t-Seisein san Àrd-Eaglais.

"Tha sin gu math duilich, ach bha fhios againn gun robh e a' dol a thighinn, agus bha fhios againn gum feumadh e tighinn.

"Tha an Seisean gu lèir a' falbh, agus a' chuid as motha de na deucoin a bha a' coimhead às dèidh na h-eaglaise.

"Ach cha bhi fhios againn mun fheadhainn a bha nam buill agus ceangailte ris a' choithional gu seachdain no dhà eile. Ach tha tòrr a' fàgail.

"Tha sinn gu math toilichte gu bheil sinn air Bun-sgoil Steòrnabhaigh fhaighinn airson nan seirbheisean Là na Sàbaid, 's bidh dà sheirbheis againn Là na Sàbaid, agus tha àite againn airson nan coinneamhan ùrnaidh tron t-seachdain anns a' bhaile cuideachd.

"Tha dùil againn a dhol còmhla ri eaglais eile.

"Mar a tha sinne a' faicinn chan eil feum againn a bhith sgapte air falbh bho na buidhnean a th' anns an eilean mar-thà, agus gum bi e na chuideachadh dha eaglaisean eile 's gum bi iadsan nan cuideachadh dhuinne.

"'S e obair an t-Soisgeil a th' ann, agus feumaidh sinn a bhith còmhla anns an adhbhar sin," thuirt e.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile