Dragh mu eaconamaidh Cheann Loch Gilb

  • 22 An Giblean 2014
Ceann Loch Gilb Image copyright Geograph/Bob Embleton
Image caption Thuirt fear de chomhairlichean na sgìre, Iain Semple, gu bheil feum air plana adhartach airson piseach a thoirt air an t-suidheachadh.

Tha draghan air nochdadh mun eaconamaidh ann an Ceann Loch Gilb ann an Earra-Ghàidheal.

Ann an aithisg a chaidh fhoillseachadh le Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean, thuirt iad gu bheil eaconamaidh Cheann Loch Gilb "cugallach".

Thuirt fear de chomhairlichean na sgìre, Iain Semple, gu bheil feum air plana adhartach airson piseach a thoirt air an t-suidheachadh.

Thuirt Christine Nic an t-Saoir, a tha a' fuireach san sgire: "Tha sgoiltean a' dùnadh, tha bùithdean a' dùnadh, tha feadhainn de na taighean-òsta againn dùinte.

"Tha na cafés bheaga, tha feadhainn aca a' dùnadh - chan eil e a' coimhead math idir," thuirt i.

Airgead

"Tha Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid, tha iad a' cur fiachan de dh'airgead anns an Òban, ann an Ceann Loch Chille Chiarain, ann an Dùn Omhain, 's ann am Baile Eilidh.

"Ann am meadhan an àite, a' choimhearsnachd, chan eil sian sam bith a' tachairt.

"Chan e sin a tha daoine ag iarraidh; tha iad ag iarraidh rudan ùra 's goireasan nas fheàrr tighinn dhan bhaile," thuirt i.

Thuirt Ceannard Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid, Dick Walsh, gu bheil plana 10 bliadhna aca gus piseach a thoirt air eaconamaidh an àite agus iad ag amas air barrachd dhaoine a thàladh ann.