Tuilleadh deasbaid mu chamarathan an A9

  • 22 An Giblean 2014
Camara Image copyright PA
Image caption Tha iomairt mhòr air a bhith a' dol an aghaidh nan camarathan, agus daoine den bheachd nach dèan iad feum.

Beachdaichidh Comataidh nan Ath-Chuingean aig Holyrood am bu chòir camarathan a tha a' tomhas an astair choitchinn aig a bheil càr a' siubhail a stèidheachadh air an A9.

Tha Riaghaltas na h-Alba airson 27 camara a chur air na h-earrainnean de rathad singilte eadar Inbhir Nis agus Peairt.

'S e seo an dàrna turas a tha a' chomataidh air sùil a thoirt air na planaichean.

Nas tràithe air a' bhliadhna, dh'iarr iad an tuilleadh fiosrachaidh bho Chòmhdhail na h-Alba agus a' bhuidheann a' strì an aghaidh nan camarathan.

Tha Ministear na Còmhdhail, Cè MacIlleDhuinn, a' cumail a-mach gum bi an rathad as cunnartaiche an Alba nas sàbhailte ri linn a' phròiseict.

Ach tha a' bhuidheann A9 Average Speed Cameras Are not the Answer ag ràdh gun do fhreagair 1,700 duine an sgrùdadh air-loidhne aca, agus gu bheil 90% ag aontachadh nach biodh an rathad dad nas sàbhailte le camarathan.

Thuirt Mìcheal Burns, a chuir a' bhuidheann air chois, gu bheil e an dòchas gun seall am fiosrachadh ùr nach fhiach am pròiseact, agus gum b' fhiach an tuilleadh sgrùdaidh a dhèanamh.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile