Tubaist mhairbhteach air A9

  • 21 An Giblean 2014

Dhearbh Poilis na h-Alba gun do bhàsaich fear motor-baidhsagal às dèidh dha a bhith ann an tubaist le càr air an A9.

Thachair an tubaist air an rathad eadar Peairt agus Inbhir Nis, faisg air House of Bruar, mu 11.45m.

Thuirt na poilis gum bi an rathad dùinte airson greis fhathast.

Tha trafaig a tha a' dol gu deas ga stiùireadh tro Bhlàr Athaill, ach chan eil an t-slighe sin freagarrach do làraidhean.

Tha na poilis a' moladh slighe eile a chleachdadh ma thathas a' dol gu tuath.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile