Comataidh ri chur air chois an Tiriodh

  • 21 An Giblean 2014
Bùth MhicLeòid Image copyright Geograph/Roger McLachlan
Image caption On a dhùin Bùth MhicLeòid, chan eil ach aon bhùth air fhàgail san eilean - an Co-op.

Às dèidh mar a bhòt muinntir Thiriodh gus bùth MhicLeòid a cheannach, thathar a-nis ag iarraidh air daoine a thighinn air adhart gus comataidh a stèidheachadh.

O chionn beagan sheachdainean, chuir muinntir Thiriodh an taic ri plana gus bùth coimhearsnachd a stèidheachadh san eilean.

Bha cha-mhòr 70% de na bhòt ann am baileat mun ghnothach airson a' phlana.

Chan eil ann ach aon bhùth ann an Tiriodh bho dhùin bùth MhicLeòid an-uiridh, 's tha cuid air taobh siar an eilein a' faireachdainn gu bheil i ro fhada air falbh air an son.

Taic làidir

Bha bùth MhicLeòid air a' mhargaidh fad dà bhliadhna, agus às dèidh dhi dùnadh, nochd beachd gum bu chòir dha na daoine a dhol an sàs agus bùth coimhearsnachd a stèidheachadh.

Tha toraidhean na bhòt a' sealtainn taic làidir dhan phlana gus buth a stèidheachadh.

Bhòt 272 neach uile gu lèir; sin timcheall air an dàrna-leth de mhuinntir an eilein. Bha 190 airson a' phlana, is is 82 na aghaidh.

Tha a' bhuidheann-stiùiridh a bha a' làimhseachadh a' bhòt a-nis ag iarraidh air daoine a thighinn air adhart gus comataidh a chur air bhonn.

Bidh taic ri fhaotainn bho Urras Thiriodh, ach thathar cuideachd ag iarraidh air daoine a thighinn air adhart gus cuideachadh.

Molaidhean

Le taic phroifeiseanta, bidh e na dhleastanas orra coimhead air ceistean co-cheangailte ris an lagh, agus mar a ghabhas iad sealbh air a' bhùth.

Bheir iad sùil cuideachd air ro-innleachd agus ionmhas na bùtha, a bharrachd air stiùireadh a' ghnìomhachais.

Thèid molaidhean sam bith a bhios aca an uair sin a chuir air beulaibh an t-sluaigh.

Tha a' bhuidheann-stiùiridh ag iarraidh air duine sam bith aig a bheil ùidh fios a chur chun an Urrais.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile