Oighreachdan a' soirbheachadh ann an làmhan an t-sluaigh

Càrlabhagh Tha muinntir Chàrlabhaigh ann an Leòdhas air bhòtadh airson an oighreachd a cheannach.

Sgeulachdan co-cheangailte

Tha oighreachdan a tha a-nis ann an làmhan an t-sluaigh a' dèanamh adhartas nas fheàrr na bha iad fo uachdranas prìobhaideach.

Sin a rèir rannsachaidh ùir bhon bhuidheann Fearann Coimhearsnachd na h-Alba.

Tha a' bhuidheann ag ràdh gu bheil còrr is 300 dachaigh ùr gan togail, gun deach faisg air 100 cosnadh ùr a chruthachadh, agus gu bheil àireamh an t-sluaigh a' fàs ann an coimhearsnachdan a tha a-nis ann an làmhan muinntir an àite.

Chaidh an rannsachadh a dhèanamh air dusan coimhearsnachd a th' air a bhith ann an làmhan an t-sluaigh airson còrr is còig bliadhna.

Fathannan

A rèir fhear de bhuill na buidhne, Iain MacÌomhair, tha fathannan air a bhith a' dol timcheall sna mìosan a chaidh seachad, nach eil e a' dèanamh ciall dhan riaghaltas, no do bhuidhnean eile, a bhith a' toirt taic do dhaoine a tha airson sealbh a ghabhail air an fhearann aca fhèin, 's nach tig càil às.

"Tha an rannsachadh a tha seo a' sealltainn nach ann mar sin a tha an suidheachadh idir.

"Tha e a' sealltainn gu bheil na coimhearsnachdan a th' air smachd a ghabhail air na h-oighreachdan aca fhèin, chan e a-mhàin air soirbheachadh a thaobh obraichean a chruthachadh, ach tha an t-ionmhas a tha a' tighinn a-steach, na cothroman a tha a' choimhearsnachd a' faighinn air sgàth seo, agus na leasachaidhean a tha a' dol air adhart, air piseach mòr a thoirt air an t-suidheachadh," thuirt e.

Start Quote

Far a bheil oighreachdan a' sealltainn gu bheil iad a' dèanamh an aon rud 's a tha na h-uachdarain a cheannaich 's a fhuair smachd air an fhearann aca fhèin, 's ann as fheàrr a bhios cùisean.”

End Quote Iain MacÌomhair Fearann Coimhearsnachd na h-Alba

Dh'innis Mgr MacÌomhair gu bheil daoine cuideachd air a bhith a' faighinn trèanadh, agus gu bheil an àireamh de dhaoine a tha ag obair gu saor-thoileach air a dhol an-àirde.

Tha buannachdan a' tighinn an lùib sin, thuirt e, le gnìomhachasan a' faighinn obraichean bho na h-oighreachdan agus a' toirt airgead a-steach dha na coimhearsnachdan.

Goireasan

A thuilleadh air an sin, thuirt Mgr MacÌomhair gu bheilear a' faicinn eisimpleirean mhath far a bheil coimhearsnachdan air obair a dhèanamh gus goireasan a th' air a bhith a dhìth orra a stèidheachadh, beag air bheag.

"Tha sinn a' coimhead mar eisimpleir, drochaidean is rathaidean, am bann-leathann - iomadach eisimpleir," thuirt e.

Thuirt e gu bheil gach pròiseact fa leth a' brosnachadh dhaoine gus a bhith a' feuchainn ri rudan eile a chruthachadh.

Chanadh cuid a tha an aghaidh coimhearsnachdan a bhith a' ceannach an fhearainn aca fhèin nach eil e na iongnadh gu bheilear a' soirbheachadh, leis an uiread de dh'airgead poblach a tha a' dol thuca.

Tha Mgr MacÌomhair den bheachd gu bheil fàs agus buannachd mhòr a' tighinn na chois.

"Tha sinn a' faicinn gu bheil ceithir, coig, 's dòcha sia, tursan de bhuannachd air a thighinn a-steach airson an t-airgead a tha iad a' faighinn.

"Chan eil diofar càit an tèid thu anns an rìoghachd an-diugh, tha gnìomhachasan a' faighinn airgead bhon roinn poblach.

Uallach
A' Phàirc Fhuair Urras Oighreachd na Pàirce £230,000 bho Stòras an Fhearainn, a leigeas leotha a dhol air adhart leis an oighreachd a cheannach.

Chanadh na h-oighreachdan prìobhaideach gu bheil iadsan cuideachd a' cosnadh milleanan notaichean dha na coimhearsnachdan anns a bheil iad, agus a' cruthachadh cosnaidhean.

Thuirt Mgr MacÌomhair gur e adhbhar molaidh a tha sin, agus gu bheilear a' miannachadh gum biodh barrachd dhiubh ann.

"Far a bheil oighreachdan a' sealltainn gu bheil iad a' dèanamh an aon rud 's a tha na h-uachdarain a cheannaich 's a fhuair smachd air an fhearann aca fhèin, 's ann as fheàrr a bhios cùisean.

"Tha e a' cur uallach mòr air na h-uachdarain prìobhaideach a bhith a' dèanamh cinnteach gu bheil iad a' dèanamh an dleastanas a bhith a' coimhead às dèidh an àite a bhuineas dhaibh," thuirt e.

Bha e na mhisneachd mhòr dhan bhuidheann gun tuirt Prìomh Mhinistear na h-Alba gu bheil e ag iarraidh dùblachadh a thighinn air an àireamh de choimhearsnachdan Albannach a th' air smachd a ghabhail air an fhearann.

"Tha sin a' sealltainn gu bheil iad a' faicinn a' bhuannachd a tha tighinn na chois.

Tha an stòras airgid a bheir cuideachadh do choimhearsnachdan cuideachd air a dhol an-àirde agus thathas an dòchas gun tèid feum a dhèanamh dheth," thuirt Mgr MacÌomhair.

Tuilleadh mun sgeulachd seo

Sgeulachdan co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC airson na tha air làraich-lìn eile.

Sgeulachdan aithriseach

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.