Àrainneachd agus Cànan

  • 21 An Giblean 2014
Flòdaigearraidh
Bidh ainmean-àite agus briathrachas airson lusan agus ainmhidhean am measg nan cuspairean ris an tèid coimhead.

Cumar cùrsa anns an Eilean Sgitheanach as t-samhradh far am faigh oileanaich ionnsachadh mun cheangal eadar a' Ghàidhlig agus an àrainneachd.

'S e seo an dàrna bliadhna dhen chùrsa a th' air a ruith le Urras an Taobh Sear.

A mmeasg nan cuspairean ris an tèid coimhead, tha briathrachas na Gàidhlig airson diofar àrainnean, lusan 's ainmhidhean agus ainmean-àite.

Feumaidh an fheadhainn a ghabhas pàirt ann uile a bhith fileanta sa Ghàidhlig.

'S e an craoladair agus eòlaiche àrainneachd Ruaraidh MacIlleathain a bhios a' teagasg a' chùrsa, 's tha esan dhen bheachd gum faodadh e a bhith gu h-àraidh feumail do dhaoine a dh'iarradh a bhith ag obair le daoine air a' bhlàr a-muigh.

"Ma tha a' Ghàidhlig aca, tha iad ceum air thoiseach air càch co-dhiù, ach mas urrainn dhaibh an uair sin a bhith ag aithneachadh a h-uile rud agus ag innse do dhaoine dè tha mun timcheall agus an dualchas Gàidhlig co-cheangailte riutha, saoilidh mi gu bheil stòiridh aca a dh'fhaodadh a bhith gu math prìseal, gu h-àraidh ann an turasachd," thuirt e.

Bidh an cùrsa a' ruith thairis air deich là - bho Dhiluain gu Dihaoine - 4mh-8mh agus 11mh-15mh là den Lùnastal 2014.

Feumaidh tagraidhean a bhith a-staigh ron 10mh là den Chèitean.