"Chan eil càil ri chleith"

  • 18 An Giblean 2014
Clamhan-gobhlach marbh Image copyright RSPB Scotland
Image caption Fhuaireadh na closaichean uile faisg air a chèile timcheall air Bràigh Chonainn, Alcaig is Lianaig.

Tha tuathanach Gàidhealach ag ràdh gum bu chòir oidhirp nas motha a dhèanamh le bhith a' sgrùdadh mar a chaidh 20 eun-creachaidh a mharbhadh, às dèidh mar a chaidh na togalaichean aige a rannsachadh leis na poilis.

Tha Eòghann Dòmhnallach, aig a bheil talamh ann an Drochaid Sgrudeil, ag ràdh nach eil tuathanaich na sgìre a' cleith càil.

Chaidh closaichean 6 clamhain agus 14 clamhain-ghobhlach a lorg faisg air Drochaid Sguideil bho mheadhan a' Mhàirt, agus a rèir an RSPB, sheall sgrùdadh gun deach dusan dhiubh a phuinnseanachadh.

Sgrùdadh

Fhuairear grunnan aca faisg air talamh leis an tuathanach Eòghann Dòmhnallach agus tha na poilis air togalaichean leis a sgrùdadh.

A-nis, tha Mgr Dòmhnallach air cantainn ris a' BhBC gur ann a dh'fheumas oidhirp nas motha a bhith air a dhèanamh leis an rannsachadh.

Tha e ag ràdh nach eil tuathanaich na sgìre a' cleith càil.

Thuirt e gun cuireadh e iongnadh mòr air nam biodh gnothaich aig tuathanach ris na th' air tachairt.

Thuirt Mgr Dòmhnallach cuideachd gum bu chòir buidheann-gnìomha - anns am biodh uachdarain, na poilis agus an RSPB - a chur air dòigh.

Tha duais airgid luach £26,000 ga thabhainn airson fiosrachaidh a dhìteas duine airson na thachair.

Thuirt Leas-Cheann-Suidhe an RSPB, John Lister-Kaye, nach fhaca e cùis nas miosa na seo bho thàinig e dhan Ghàidhealtachd anns na 1960an.

Caismeachd

Image caption Chaidh caismeachd a chumail ann an Inbhir Nis mar ghearain an aghaidh bàs nan eun-creachaidh.

Air Disathairne seo chaidh, chaidh caismeachd a chumail ann an Inbhir Nis mar ghearain an aghaidh bàs nan eun-creachaidh.

Tha Poilis na h-Alba ag obair còmhla ris an RSPB, Dualchas Nàdair na h-Alba agus an SSPCA gus an gnothach a rannsachadh.

Faodar fiosrachadh a thoirt seachad le bhith a' cur fòn gu na Poilis air 101, Crimestoppers air 0800 555 111, no le bhith a' lìonadh foirme aig www.crimestoppers-uk.org.

B' e duais de £5,000 a chaidh fhoillseachadh leis an RSPB an toiseach, ach tha an t-sùim air èirigh mean air mhean.

Chuir buidheann de thuathanaich is uachdarain £12,000 ris; am measg nan tabhartaichean, bha Scottish Land & Estates agus NFU na h-Alba.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile