Tuilleadh taic do dh'amasan nan comhairlean eileanach

  • 18 An Giblean 2014
Ar n-Eileanan ri Teachd
Image caption Bha Ms Boyack airson a thighinn dha na h-Eileanan airson tuisge nas fheàrr a bhith aice air na rudan a tha na comhairlean ionadail a' sireadh tro 'Ar n-Eileanan ri Teachd'.

Choinnich an Rùnaire Dùbhlanach airson Ùghdarrasan Ionadail ri riochdairean bho Chomhairle nan Eilean Siar an t-seachdain seo, agus an iomairt ''Ar n-Eileanan ri Teachd'' gu mòr air a' chlàr-gnothaich.

Thuirt Sarah Boyack gu bheil i a' cur taic ri mòran de na h-amasan a th' aig na comhairlean eileanach, 's i ag ràdh gu bheil iad mar-thà a' coimhead air an leithid ann an coimisean a' Phartaidh Làbaraich air fèin-riaghladh.

Tha a' Chomhairle air a bhith ag obair ann an co-bhuinn le Comhairlean Arcaibh agus Shealltainn 's iad airson 's gum bi barrachd smachd aig eileanaich air an gnothaichean fhèin, ge bith dè an taobh a thèid an referendum air neo-eisimeileachd na h-Alba anns an t-Sultain.

Tha iad air grunn choinneamhan a chumail mar-thà le riochdairean bho Riaghaltasan Westminster agus Dhùn Èideann.

Geallaidhean

Image caption Thuirt Mairead Curran gun do rinn na ceannardan argamaid làidir às leth an cuid choimhearsnachdan.

Na bu tràithe air a' mhìos, thàinig gealltanas bho na Làbaraich gun toireadh iadsan barrachd chumhachdan dha sgìrean eileanach na h-Alba, nam biodh iad san riaghaltas.

Nochd an gealladh bho Rùnaire Dùbhlanach na h-Alba, Mairead Curran, agus i a' coinneachadh ri riochdairean à Comhairlean Shealtainn, Arcaibh agus nan Eilean Siar.

Thuirt Ms Curran gun do rinn na ceannardan argamaid làidir às leth an cuid choimhearsnachdan.

A rèir Ms Curran, dh'fhaodadh cumhachd a bhith aca a leigeadh leotha cumhachd ath-nuadhachail a leasachadh, dèiligeadh ri cion consaidh, barrachd a dhèanamh ann an leasachadh eaconamach, agus barrachd smachd fhaighinn air sgìrean Oighreachd a' Chrùin.

Dh'innis Fear-Gairm Chomhairle nan Eilean Siar, Tormod Dòmhnallach, gun do choinnich Ms Boyack ri ceannardan nan comhairlean eileanach - Na h-Eileanan Siar, Arcaibh is Sealtainn - bho chionn beagan sheachdainean.

Thuirt e gun robh Ms Boyack airson a thighinn dha na h-Eileanan airson tuisge nas fheàrr a bhith aice air na rudan a tha na comhairlean ionadail a' sireadh tro 'Ar n-Eileanan ri Teachd'.

Gheibheadh i beachd nas fheàrr cuideachd air mar a tha na rudan a chaidh fhoillseachadh ann an aithisg a' Phàrtaidh Làbaraich air fèin-riaghladh a' bualadh gu sònraichte air cùisean eileanach.

Aonta

Thuirt Mgr Dòmhnallach gu bheil Comhairle nan Eilean Siar, agus na comhairlean eileanach eile, air am misneachadh gu mòr leis cho deònach 's a tha na pàrtaidhean dùbhlanach, agus na pàrtaidhean a th' ann an cumhachd ann an Westminster agus ann an Dùn Èideann, èisteachd a thoirt dhaibh.

"Tha sinn air ar misneachadh dha-rìribh leis an fhàilte a thathas a' cur air an teachdaireachd a th' againn, agus an èisteachd a tha sinn a' faighinn bho na riaghaltasan agus na pàrtaidhean poileataigeach fa leth," thuirt e.

Thuirt am Fear-gairm ge-tà, gur e na thig às na còmhraidhean as deatamaiche; na rudan a thèid a chur an gnìomh, agus mu bheil na riaghaltasan deònach "peann a chur ri pàipeir".

Thuirt e gu bheil e cudromach "aonta a bhith ann eadar iad fhèin agus sinn fhèin" mu na rudan a tha iad a' dol a choileanadh … agus na rudan 's dòcha a tha rud beag nas dorra dhaibh a dhèanamh.

Òigridh

Tha riochdairean nan comhairlean ionadail misneachail mun ùidh a tha an òigridh sna h-eileanan a' nochdadh san iomairt.

Dh'innis Mgr Dòmhnallach gu bheil coinneamhan air a bhith aig ceannard na Comhairle le òigridh ann an trì a-mach às na ceithir sgoiltean sia-bliadhna sna h-Eileanan Siar.

Thuirt e gum bi coinneamh ann leis an òigridh ann an Sgoil Lionacleit an t-seachdain seo tighinn agus coinneamhan na Comhairle gu bhith air ann cumail ann an Uibhist.

"Tha e air a bhith inntinneach dha-rìribh cho tarraingeach 's a tha a' chuspair a tha seo dhaibh.

Image caption Tha riochdairean nan comhairlean ionadail den bheachd gun dèanadh coimhearsnachdan feum de chòirichean air na cladaichean agus grunnd na mara.

"Gu math tric, tha an òigridh, chan eil cus ùidh aca ann am poileataigs ach, tha iad a' faicinn seo mar rud a tha a' dol a thoirt buaidh air am beatha anns an àm ri teachd anns na h-Eileanan, mas e 's gun tig buannachdan a-mach às na còmhraidhean a tha a' dol air adhart an-dràsta," thuirt e.

Aontan

Thuirt Mgr Dòmhnallach o chionn ghoirid gu bheil iomairt "Ar n-Eileanan ri Teachd" air ceumannan mòra a ghabhail anns na naoi mìosan bho thòisich an iomairt.

"Tha mi a' smaoineachadh gun tig brìgh na cùise a-mach às na h-aontan a bhios ann eadar na riaghaltasan, agus na comharran a tha pàrtaidhean poileataigeach a' dol a thoirt seachad - mar dè a tha iad deònach cur dha na manifestos aca sna taghaidhean thairis air na dhà no trì bhliadhnaichean a tha romhainn," thuirt e.

Sna beagan sheachdainean ri thighinn, tòisichear a' sgrìobhadh dreach de na h-aontan air fad, gach cuid ann an Lunnainn agus ann an Dùn Èideann.

"Tha sinn a' coimhead ri ceann-là aig deireadh na h-Ògmhios airson sin a bhith air aontachadh agus fhoillseachadh," dh'innis Mgr Dòmhnallach.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile