Pàipearan-baileat na Pàirce sa phost

  • 17 An Giblean 2014

Thuirt Comhairle nan Eilean Siar gun deach pàipearan-baileat a sgaoileadh chun nan daoine a tha a' fuireach air Oighreachd na Pàirce ann an Leòdhas, a' faighneachd dhaibh a bheil iad ag iarraidh sealbh a ghabhail air an fhearann.

Bu chòir dhan a h-uile duine pàipear-baileat fhaighinn an taobh a-staigh beagan làithean.

Feumar an tilleadh chun na Comhairle ro 4:00f air Diardaoin a' 1mh là den Chèitean, a' cleachdadh .

Faodar an tilleadh anns a' chèis ro-phàighte, no an toirt do dh'Oifigear an Taghaidh aig Ionad Ravenspoint ann an Cearsiadar, Ceann a Deas nan Loch.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile