Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

17 An Giblean 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Dealan

Tha beachd ann gur e trioblaid le loidhne eadar Inbhir Nis agus Moireibh a dh'fhàg còrr air 200,000 dachaigh sa cheann a tuath gun dealan a-raoir. Thug an trioblaid buaidh air sgìrean air feadh na Gàidhealtachd 's nan Eilean, ann am Moireibh agus cuideachd ann an Arcaibh. Thàinig an dealan air ais às dèidh timcheall air trì uairean de thìde.

Coirea

Thuirt sgiobair a' bhàt'-aiseig à Coirea a Deas, a chaidh fodha le faisg air 500 duine air bòrd, gu bheil nàire air mu na thachair. Tha timcheall air 300 duine fhathast a dhìth. B' e sgoilearan a bh' air turas a bu mhotha a bh' air bòrd. Tha sruthan làidir agus uisge salach a' cur maill air luchd-teasairginn a tha a' feuchainn ri faighinn a-steach dhan t-soitheach.

Gunnaichean

Chaidh casaidean co-cheangailte ri gunnaichean a chur air fireannach an Dùn Èideann. Rinn na poilis dà spreadhadh anns a' bhaile, a-raoir agus a-rithist anns a' mhadainn an-diugh. Rinn na poilis sgrùdadh aig dachaigh anns a' Bhaile Ùr agus chuir iad fireannac, aois 38, an grèim. Thàinig air cuid de dhaoine an dachannan fhàgail fhad 's a bha rannsachadh nam poileas a' dol.

Ugràin

Tha còmhraidhean mu shuidheachadh na h-Ugràin gus tòiseachadh ann an Geneva. Bidh luchd-dioplomasach à Ameireagaidh, an Ruis, an EU agus às an Ugràin fhèin an sàs annta.

Caladh Steòrnabhaigh

Tha Riaghaltas na h-Alba a' dol a choimhead ris an tuilleadh taic-airgid a chur ri leasachadh caladh Steòrnabhaigh. Bha Prìomh Mhinistear na h-Alba, Ailig Salmond, a' tadhal air Steòrnabhagh an-dè, le Caibineat an Riaghaltais. Tha obair air tòiseachdadh air cidhe na h-aiseig mar-thà, ged a tha planaichean ann airson leasachaidhean mòra a bharrachd air an sin.

Co-op

Rinn Buidheann a' Cho-op an call as motha nan eachraidh. Sheall na figearan bliadhnail aca gun do rinn iad call de £2.5bn ann an 2013. Thuirt Àrd-Stiùiriche eadar-amail na buidhne, Richard Pennycook, gur e bliadhna "uabhasach" a bh' ann agus gun deach mearachdan stiùiridh bunaiteach a dhèanamh cuideachd.

Feòil uan

Sheall deuchainnean air biadh 'takeaway' anns an robh còir feòil uan a bhith, gun robh feòil de sheòrsa eile ann an 40% dhe. Ann an cuid de shuidheachaidhean, cha robh pioc feòil uan anns a' bhiadh. Chaidh dà dheuchainn a dhèanamh leis an iris Which agus le Buidheann Inbhean a' Bhidhe.