Rannsachadh an dèidh do mhìltean a bhith às aonais dealan

  • 17 An Giblean 2014
Coinneal
Image caption Aig àirde, bha mu 205,000 dachaigh às aonais dealan.

Thuirt a' chompanaidh cumhachd Scottish Hydro gu bheil rannsachadh a' leantainn às dèidh mar a chaill còrr is 200,000 dachaigh ann an ceann a tuath na h-Alba cumhachd an dealain airson ùine air oidhche Chiadain.

Thuirt iad gur dòcha gur e trioblaid le loidhne eadar Inbhir Nis agus Eilginn a bu choireach.

Tha gaoth làidir a' cur maill air an obair-sgrùdaidh a thathar a' feuchainn ri dhèanamh le heileacoptair.

Chaidh an dealan dheth air feadh na Gàidhealtachd, anns an h-Eileanan an Iar, ann an Arcaibh is Sealtainn agus ann am Moireibh, mu 8.30f.

Aig àirde, bha mu 205,000 dachaigh às aonais dealan.

Thàinig maill air cuid de sheirbheisean rèile, le Scotrail a' coireachadh trioblaid le cumhachd ann an Inbhir Nis.

Thuirt Scottish Hydro gun deach cumhachd a thilleadh dhan a h-uile dachaigh ro 12.30m.

Cha tàinig dearbhadh fhathast air dè dìreach a dh'adhbharaich an trioblaid, ach thuirt Scottish Hydro gun robh trioblaid air leth mòr anns an t-siostaim.

Thuirt a' chompanaidh cuideachd gun d' fhuair iad air am planaichean tuiteamais airson an leithid de thachartas a chleachdadh gu h-èifeachdach.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile