MG Alba a' cur fàilte air £2.1m a bharrachd

  • 16 An Giblean 2014
Fiona NicChoinnich Image copyright MG ALBA
Image caption Thèid £1m sa bhliadhna gu MG, a tha a' ruith BBC Alba ann an co-bhann leis a' BhBC, eadar am-bliadhna seo agus 2016.

Chaidh £2.1m a bharrachd dhan bhuidhinn telebhisean, MG Alba, fhoillseachadh leis a' Phrìomh Mhinistear, Ailig Salmond.

Thèid £1m sa bhliadhna gu MG Alba, a tha a' ruith BBC Alba ann an co-bhann leis a' BhBC, eadar am-bliadhna agus 2016.

Bidh £100,000 a bharrachd ann airson prògraman air an t-sianal.

Dh'ainmich Mgr Salmond an t-airgead a bharrachd a bheir taic le bhith a' dèanamh prògraman ùra nuair a dh'fhosgail e prìomh oifisean na buidhne air Rathad Shìophoirt ann an Steòrnabhagh.

Misneachd

Thuirt Mgr Salmond: "Tha mi toilichte na goireasan ùra seo fhosgladh agus bidh iad nam misneachd mhòr agus chudromach dhan eaconamaidh gu h-ionadail, do ghnìomhachas craolaidh gu h-iomlan agus dhan Ghàidhlig, an dà chuid anns na h-Eileanan Siar agus tron chòrr de dh'Alba.

"Tha na diofair chànain agus chultaran a tha an Alba nam beairteas dhan dùthaich seo, agus tha Gàidhlig am measg sin, agus tha an Riaghaltas seo dealasach ann a bhith a' dealbh saoghal seasmhach dhan chànan.

"Tha àite air leth aig BBC ALBA ann a bhith a' misneachadh cleachdadh agus ionnsachadh na Gàidhlig ann an Alba," thuirt e.

Mòr-thlachd

Thuirt Magaidh Choineagan, Cathraiche MG Alba a tha a' ruith na seanail ann an co-bhanntachd leis a' BhBC: "Tha mi a' smaoineachadh gur e an rud a tha sgoinneil mu dheidhinn seo, 's e gu bheil iad air fhaicinn an obair ionmhalta a tha MG Alba, agus BBC ALBA gu sònraichte, air a dhèanamh anns na còig bliadhna a chaidh seachad.

"Tha e cudromach gun dèan sinne prògraman aig àrd-ìre agus a tha a' còrdadh ri daoine agus gun cùm daoine a' coimhead nam prògraman agus mar sin gu bheil sinn a' cumail a' toirt piseach air na daoine a tha a' cleachdadh na Gàidhlig agus air na daoine aig a bheil ùidh anns a' Ghàidhlig.

"Ma chosgas sinn an t-airgead a tha seo ann an dòigh a tha cothromach agus ann an dòigh a tha a' toirt mòr-thlachd dha na Gàidheil, chan eil teagamh sam bith agamsa nach tig an tuilleadh," thuirt a' Bh. Choineagan.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile