Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

16 An Giblean 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Coirea a Deas

Thuirt an riaghaltas ann an Coirea a Deas gu bheil faisg air 300 duine fhathast a dhìth an dèidh do bhàt'-aiseig air an robh mu 500 duine a dhol fodha far cheann a deas na dùthcha. Tha dearbhadh ann aig an ìre seo gun do chaill dithis am beatha. 'S e òigridh a bh' air turas sgoile a bh' ann am mòran a bh' air a' bhàta.

Ugràin

Thuirt Ceann-suidhe na Ruis, Vladimir Putin, gu bheil an Ugràin gu math faisg air cogadh sìobhalta. Thuirt e sin ann an còmhradh, air a' fòn, ri Seansalair na Gearmailt, Angela Merkel, an dèidh do fheachdan na h-Ugràin smachd a ghabhail air ais a-raoir air raon-adhair ann an Kramatorsk, air taobh sear na dùthcha, an dèidh sabaid ri militia a tha a' taobhadh ris an Ruis. Chuir an Ugràin armachd dhan sgìre sin, 's iad a' maoidheadh gun toir iad an aghaidh air buidhnean a tha a' cur taic ris an Ruis.

Cosnadh

Chaidh an àireamh Albannach a bha gun chosnadh eadar an Dùbhlachd agus an Gearran suas mu 3,000 air an àireamh a bh' ann airson na trì mìosan ron sin. Tha an àireamh gu lèir a-niste aig dìreach 1,000 gann air 180,000. Ach, tha Oifis nan Staitistig Nàiseanta ag ràdh gun deach an àireamh an Alba aig an robh cosnadh anns an ùine sin suas cuideachd, leis gun tàinig leudachadh air margaidh na h-obrach.

Liberton

Tha sgoil ann an Dùn Èideann far an deach nighean a mharbhadh na bu tràithe air a' mhìos seo air fosgladh a-rithist an dèidh saor-làithean na Càisg. Thuirt Comhairle Dhùn Èideann gum bi an togalach sàbhailte. Tha seann gym na sgoile, far an do chaill Keane Wallis-Bennett, a bha 12 bliadhna de dh'aois, a beatha, gu bhith dùinte fhad 's a tha poilis fhathast a' rannsachadh na cùis.

Sgoiltean Gàidhlig

Dh'fhaodadh inbhe mar sgoiltean Gàidhlig a thoirt do 10 bhun-sgoiltean anns na h-Eileanan an Iar. Nì Comhairle nan Eilean Siar, mar phàirt den Phlana Gàidhlig aca, co-choimhearlachadh poblach air inbhe às ùr a thoirt dha na sgoiltean ann an Baile a' Mhanaich, Beàrnaraigh, Breascleit, Bàgh a' Chaisteil, Dalabrog, an t-Iochdar, an t-Òb, An Taobh Siar, Siabost agus Sir E Scott. Thuirt a' Chomhairle gum bi foghlam tro mheadhan na Beurla fhathast anns na sgoiltean sin.

Oifisean puist

Tha ceistean ann mu oifisean a' phuist ann an Dalabrog agus ann am Baile a' Mhanaich 's an fheadhainn a tha a' ruith na h-oifisean sin am beachd an dreuchd a' leigeil dhiubh a dh'aithghearr. Thuirt Oifis a' Phuist Earranta gu bheil iad airson na seirbheisean a chumail anns a' choimhearsnachd, agus thuirt iad gun dèan iad co-chomhairle phoblach mas e agus gum feum iad na h-oifisean a ghluasad.

Caibineat

Tha Caibineat Riaghaltas na h-Alba a' coinneachadh ann an Steòrnabhagh an-diugh agus an dèidh na coinneimh sin, bidh coinneamh phoblach ann an Talla a' Bhaile ann an Steòrnabhagh, far am bi cothrom aig an t-sluagh ceistean a chur air Prìomh Mhinistear na h-Alba, Ailig Salmond, agus buill a' Chaibineit. Chuir Ceannard Chomhairle nan Eilean Siar, Aonghas Caimbeul, fàilte air gealltanas a' Phrìomh Mhinisteir ron choinneimh air taic do dh'eaconamaidh nan eilean.