Bochdainn connaidh a' dol am meud

  • 16 An Giblean 2014
Gas Image copyright Science Photo Library
Image caption Tha 11% de dhaoine anns na h-Eileanan an Iar a' cosg faisg air trian dhan teachd-a-steach aca air a bhith a' teasachadh nan dachaighean aca.

Tha seachd anns gach deich de dhachaighean nan Eilean Siar a' fulang le bochdainn connaidh.

Sin a rèir figearan ùra a chaidh a chur mu choinneimh Comataidh Àrainneachd agus Seirbheisean Dìon Chomhairle nan Eilean Siar.

Chaidh innse do bhuill na comataidh gum bi e duilich piseach a thoirt air an t-suidheachadh leis cho àrd 's a tha prìsean connaidh, cho ìosal 's a tha tuarastail dhaoine, agus cho doirbh 's a tha e dachaighean dhaoine a theasachadh.

Thuirt Fear-Gairm na Comhairle, Tormod Dòmhnallach, gu bheil e duilich na figearan a chreidsinn agus nas duilghe buileach gabhail riutha.

Mì-chothromach

"Tha sinn a-nis air an ìre a ruighinn far a bheil còrr air 70% dha na daoine a tha a' fuireach anns na h-Eileanan ann am bochdainn connaidh.

"Tha dà ìre eile ann nas miosa na sin far a bheil, aig a' char as miosa, 11% a' cosg faisg air trian dhan teachd-a-steach aca air a bhith a' teasachadh nan dachaighean aca.

"Chan eil dòigh ann as urrainn dhan a sin a bhith cothromach anns an là a th' ann," thuirt Mgr Dòmhnallach.

B' àbhaist gur ann air daoine nach eil cho math dheth a bhiodh a' bhochdainn a' bualadh ach, leis nach eil tuarastail dhaoine air a dhol an-àirde mar a tha prìs a' chonnaidh, tha a' bhuaidh a' sgaoileadh fad is farsaing.

Tha a' Chomhairle, tro Riaghaltas na h-Alba, air milleanan notaichean a chosg a' feuchainn ri taighean a dhèanamh nas seasgaire.

Ged a tha sin ag obair gu ìre, tha an àireamh de sheann taighean sna h-Eileanan na dhuilgheadas, le cosgais mòr an lùib nan taighean sin a dhèanamh an-àirde gu ìre 's gum faighear air teas a chaomhnadh annta.

Buaidh

Tha prìs a' chonnaidh agus tuarastail dhaoine a tha a' fuireach anns na h-Eileanan cuideachd a' toirt buaidh air bochdainn connaidh.

Thuirt Mgr Dòmhnallach gu bheil an dà rud sin ag obair an aghaidh an obair a thathas a' dèanamh ann a bhith a' còmhdach nan taighean.

Thuirt e ge-tà, gum feumar leantainn orra a' dèiligeadh riutha, ann an oidhirp air daoine a thoirt a-mach à bochdainn connaidh.

Bheachdaich fear be bhuill na comataidh gur dòcha gun gabhadh tuarastail àrdachadh nan gabhadh brath a ghabhail air cumhachd ath-buadhachail agus na cosnaidhean a thigeadh na chois.

"Tha sinn air a bhith a' strì airson còrr air 10 bliadhna, no suas ri 15 bliadhna a-nis, ri cumhachd ath-nuadhachail a leasachadh anns na h-Eileanan, gu ìre 's gun urrainn dha buaidh a thoirt air teachd-a-steach.

"Gun teagamh sam bith, bidh ceudan, 's dòcha mìltean, de dh'obraichean air an cruthachadh, agus 's e obraichean le tuarastail math a bhios.

"Bidh cuideachd teachd-a-steach aig coimhearsnachdan fa leth, le na leasachaidhean a tha iadsan a' toirt air adhart.

Image copyright PA
Image caption Tha prìs a' chonnaidh agus tuarastail dhaoine a' toirt buaidh air bochdainn connaidh.

Leasachaidhean

Thuirt Mgr Dòmhnallach gun toireadh leasachaidhean dhen leithid fuasgladh mòr air a' chùis, ach gum feumar fhathast coimhead air na cùisean eile.

Thuirt e cuideachd gum feumar sùil a thoirt air prìs a' chonnaidh a thoirt a-nuas.

"Chaidh sin a dhèanamh gu ìre a thaobh connadh a thathas a' cleachdadh ann an càraichean, ach feumaidh sinn coimhead ri dè a ghabhas dèanamh a thaobh connadh a thathas a' cleachdadh airson a bhith teasachadh dachannan.

"Cuideachd, mas urrainn dhuinn dealan nas saoire a chruthachadh anns na h-Eileanan, tro chumhachd ath-nuadhachail, 's dòcha gu bheil fuasgladh ann anns an dòigh sin cuideachd," thuirt e.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile