Boireannach a bhàsaich às dèidh tubaist canàl air a h-ainmeachadh

  • 15 An Giblean 2014

Chaidh boireannach a chaochail às dèidh dhan chàr aice a dhol dhan Chanàl Chailleannach ann an Loch Abar ainmeachadh le na poilis.

Chaidh Sheila Chamshron, 65, à Banbhaidh, a toirt gu Ospadal a' Bhelford sa Ghearasdan às dèidh do na seirbheisean èiginn a sladaodh a-mach às a' chanàl aig Neptune's Staircase, ach chaochail i an sin.

Chaidh an càr aice a thogail às a' chanàl an dèidh do dhàibhearan poilis sgrùdadh a dhèanamh.

Chaidh aithisg a chur gu Neach-Casaid a' Chrùin.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile