Ceann-bliadhna chudromach do ChalMac

An MV Hebrides Tha adhartas mòr air tighinn air bàtaichean aiseig thar nan leth-cheud bliadhna a dh'fhalbh

Chomharraich Caledonian Mac a' Bhruthainn ceann-bliadhna chudromach Dimàirt agus 50 bliadhna ann bho thòisich a' chiad aiseag anns na h-Eileanan Siar a chaidh a thogail a dh'aona-ghnothaich airson càraichean a ghiùlain.

B' e an MV Hebrides a' chiad aiseag "roll on roll off" anns na h-Eileanan Siar, 's i a' frithealadh na slighe eadar Ùig, Loch nam Madadh agus an Tairbeart.

Ron sin, b' fheudar lìon a chleachdadh airson càraichean a thogail air bòrd nan aiseagan agus dheth a-rithist.

Beagan mhìosan às dèidh sin thòisich an MV Clansman agus an MV Columba air slighean Mhuile agus an Eilein Sgitheanaich.

Start Quote

Cha bhiodh na caoraich deònach a dhol air bòrd ... bhiodh iad a' cur seachad ùine mhòr aig na cidhichean ... agus an sgioba a' feuchainn rin cuir air bòrd.”

End Quote An t-Àrd Oll. Dòmhnall Meek

Anns a' chiad bhliadhna aice, ghabh an MV Hebrides 11,000 carbad, an taca ri na 78,000 carbad a shiubhal air an aon shlighe an-uiridh.

Goireasach

Tha an t-Àrd Ollamh Dòmhnall Meek, a sgrìobh leabhar mu aiseagan Chaledonian Mhic a' Bhruthainn, ag ràdh gun tàinig atharrachadh mòr an cois nan aiseagan ùr seo.

"Bha iomagain ann gun tuiteadh rudeigin no gun rachadh an càr a mhilleadh, ach nuair a thàinig na bàtaichean aiseig a bha sin bha e gu math na b' fhasa na càraichean a chuir air bòrd."

Cha robh cùisean cho buileach furasta ge-tà nuair a thigeadh e gu bhith a' cur stuic air bòrd nan aiseagan.

"Cha bhiodh na caoraich deònach a dhol air bòrd an Hebrides, no an Clansman, no an Columba, agus bhiodh iad a' cur seachad ùine mhòr aig na cidhichean .. agus an sgioba a' feuchainn rin cuir air bòrd," thuirt e.

Tuilleadh mun sgeulachd seo

Chan eil uallach air a' BhBC airson na tha air làraich-lìn eile.

Sgeulachdan aithriseach

  • DìleasRobo Chù Listen

    Luchd-saidheans ag ràdh gun gabhadh ròbotan a chleachdadh an àite chon-chaorach airson caoraich a bhuachailleachd.


  • Am prìomh thogalachCampas ùr Inbhir Nis

    Tha obair a' leantainn aig làrach ùr Colaiste Inbhir Nis, le leasachaidhean eile na broinn.


What is VOCAB? Deth'ann a VOCAB?

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.